Coimisean Blas 2026: Cothrom do luchd-ciùil
​
Tha Fèis Blas a’ sireadh thagraidhean bho neach-ciùil, no cruinneachadh de luchd-chiùil, ceòl traidiseanta agus òrain Ghàidhlig a chruthachadh agus/no a rianachadh airson cuirm, no cuirmean, aig Fèis Blas na bliadhna seo a bhios ga cumail eadar 4 agus 12 Sultain 2026.
Is e prìomh amas Blas ceòl, cànan agus cultar na Gàidhealtachd a chomharrachadh agus tha an fhèis air a cumail gach bliadhna air feadh raon rianachd Comhairle na Gàidhealtachd le tachartasan a bharrachd air an cumail bho àm gu àm anns na h-Eileanan an Iar.
Tha buidheann prògramaidh Blas a’ sireadh mholaidhean airson taisbeanadh a chruthachadh a bhios a’ dèanamh subhachas ri cultair nan Gàidheal ‘s ar dualchas. Thathas an dùil gun tèid an coimisean ùr a thaisbeanadh mar an dàrna leth de chuirm nas fhaide.
Faodaidh na cuspairean a bhith stèidhichte air, ach chan eil iad cuingealaichte ris, na leanas:
• 40 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd
• Daoine agus Coimhearsnachd
• Seanchas
• Nàdar agus Cruthan-tìre
• Dualchas agus Ath-nuadhachadh
Bu chòir gum bi e a’ toirt a-steach ceòl traidisanta agus òrain Ghàidhlig agus/no ceòl is òrain ùra a tha air buaidh a thogail bho cèol Gàidhealach.
Gun a bhith òrdachail, ged nach eil e riatanach, neartaicheadh ​​com-pàirt seinneadairean òga agus/no luchd-ciùil bho Fèisean ionadail moladh sam bith.
Buidseat
Bidh buidseat suas ri £4,000 ri fhaighinn leis an neach-tairgse soirbheachail agus bidh dùil, mar a bhios iomchaidh, ri:
· Stuth ùr a chruthachadh agus/no stuth a th’ ann mar-thà a rianachadh airson a thoirt a-steach don taisbeanadh
· Clàraidhean is sgrìobhainnean treòrachaidh agus faclan ciùil/òrain ullachadh do chom-pàirtichean
· Stiùir a thoirt air obair deasachaidh, ‘s dòcha air-loidhne sa chiad àite.
· A bhith saor, còmhla ris na com-pàirtichean taghte, airson taisbeanadh no sreath de thaisbeanaidhean aig Fèis Blas.
Tagradh
Mion-fhiosrachadh air am bu chòirear beachdachadh ann an tagradh:
· Bu chòir don tagradh a bhith air a mhìneachadh air aon duilleag A4
· Bu chòir gum biodh buntanas aig an obair a thèid a chruthachadh ri amasan a’ toirt a-steach a’ Ghàidhlig
· Bu chòir don taisbeanadh a bhith timcheall air 40 mionaid air a’ cheann thall
· Thoir seachad mion-fhiosrachadh mu eòlas an tagraiche a tha buntainneach don chothrom seo
· Iomradh air neach sam bith leis a bheilear an dùil co-obrachadh a dhèanamh gus an coimisean a thoirt gu buil.
Ceann-latha
Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu Fèis Blas air blas@blas.scot ro 5f, Diluain 9 Màrt 2026. Thèid dèiligeadh ri gach tagradh gu dìomhair. Is dòcha gum bi feum air còmhradh a chumail mu bhuidseat nan cuirmean mus tèid co-dhùnadh a ruighinn, ach bhitheamaid an dòchas cùmhnant a thabhann don neach soirbheachail ro Dhiluain 23 Màrt 2026.
Gus nach bi teagamh ann, tha airgead a’ choimisean airson taisbeanaidh a chruthachadh. Thèid a h-uile cosgais co-cheangailte ris na cuirmean a phàigheadh leis an fhèis, a’ toirt a-steach tuarastail luchd-ciùil, àiteachan-fuirich, siubhal, feumalachdan teicnigeach is eile. Ma tha òigridh bho na Fèisean gu bhith an sàs, bidh Fèisean nan Gàidheal gu math deònach co-obrachadh leis an tagraiche soirbheachail gus sin a thoirt gu buil.
Tha Fèis Blas air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd le maoineachadh bho ghrunn bhuidhnean - a’ chomhairle nam measg cho math ri Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.
