Coimisean Blas 2021: Cothrom do luchd-ciùil

Tha Fèis Blas air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd le maoineachadh bho ghrunn bhuidhnean - a’ chomhairle nam measg cho math ri Creative Scotland, HIE agus Bòrd na Gàidhlig.

 

Tha sinn a’ sireadh thagraidhean bho neach-ciùil, no cruinneachadh de luchd-chiùil, ceòl traidiseanta agus òrain Ghàidhlig a chruthachadh agus/no a rianachadh airson cuirm, no cuirmean, aig Fèis Blas na bliadhna seo a bhios ga cumail eadar 19 agus 27 Samhain 2021.

 

Is e prìomh amas Blas ceòl, cànan agus cultar na Gàidhealtachd a chomharrachadh agus tha an fhèis air a cumail gach bliadhna air feadh raon rianachd Comhairle na Gàidhealtachd le tachartasan a bharrachd air an cumail bho àm gu àm anns na h-Eileanan an Iar.

 

Tha buaidh air Blas bho cheòl agus cultar na Gàidhealtachd agus tha an fhèis ag amas air ùr-ghnàthachadh, co-obrachadh agus obair ùr le luchd-taisbeanaidh chultaran co-phàirteach, leis na h-amasan a leanas:

  • A’ comharrachadh agus a’ neartachadh ceòl traidiseanta na Gàidhealtachd agus Gàidhlig a bhrosnachadh

  • A’ toirt cothroman do choimhearsnachdan a bhith nam com-pàirtichean for-ghnìomhach, agus luchd-èisteachd ùr a tharraing

  • Ùrachadh agus togail-inntinn a thoirt do dhaoine

  • A’ toirt chothroman do dhaoine òga

  • A bhith na thachartas eadar-nàiseanta, ag amas air luchd-èisteachd ùr a thàladh cho math ri luchd-ealain eadar-nàiseanta gu sònraichte, à Èirinn agus Alba Nuadh, a thoirt a-steach.

 

Ged a bhios buaidh air cruth na fèise bho riaghailtean stèidhichte gus dèiligeach ri Covid-19 air a’ cheann thall, aig an àm seo tha sinn an dòchas gum bi a’ mhòr-chuid de thachartasan beò le luchd-èisteachd, a bharrachd air sreath de bhùithtean-obrach air-loidhne, òraidean agus eile. 

 

Tha buidheann prògramaidh Blas a’ sireadh mholaidhean airson taisbeanadh a chruthachadh a mhaireas suas ri 40 mionaid a’ toirt a-steach ceòl traidisanta agus òrain Ghàidhlig no ceòl is òrain ùra ann an stoidhle traidiseanta.  Thathas an dòchas gun tèid an coimisean ùr a thaisbeanadh mar an dàrna leth de chuirm nas fhaide.

 

Tha 200 bliadhna bho rugadh Màiri Mhòr nan Òran (Mairi Nic a’ Phearsain, Màiri Nighean Iain Bhàin).  Bhiodh ùidh shònraichte againn ann am molaidhean a cuid obrach a chomharrachadh, no airson ceòl ùr air a bhrosnachadh leis na luachan a bha follaiseach tro na h-òrain aice agus ris an robh i a’ cumail taic - a’ strì an aghaidh ana-ceartas, sealbh an fhearainn, còraichean croitearan, iomain, obair clòimhe snìomh, altramas agus boireannaich ann an iomairtean politigeach.

 

Gun a bhith òrdachail, ged nach eil e riatanach, neartaicheadh ​​com-pàirt seinneadairean òga agus/no luchd-ciùil bho Fèisean ionadail moladh sam bith.

 

Bidh buidseat suas ri £3,000 ri fhaighinn leis an neach-tairgse soirbheachail agus bidh dùil, mar a bhios iomchaidh, ri:

  • Stuth ùr a chruthachadh agus/no stuth a th’ ann mar-thà a rianachadh airson a thoirt a-steach don taisbeanadh

  • Clàraidhean is sgrìobhainnean treòrachaidh agus faclan ciùil/òrain ullachadh do chom-pàirtichean

  • Stiùir a thoirt air obair deasachaidh, ‘s dòcha air-loidhne sa chiad àite.

  • A bhith saor, còmhla ris na com-pàirtichean taghte, airson taisbeanadh no sreath de thaisbeanaidhean aig Fèis Blas.

 

Mion-fhiosrachadh air am bu chòirear beachdachadh ann an tagradh:

  • Bu chòir don tagradh a bhith air a mhìneachadh air aon duilleag A4

  • Bu chòir gum biodh buntanas aig an obair a thèid a chruthachadh ri amasan Blas a’ toirt a-steach a’ Ghàidhlig

  • Bu chòir don taisbeanadh a bhith timcheall air 40 mionaid air a’ cheann thall

  • Thoir seachad mion-fhiosrachadh mu eòlas an tagraiche a tha buntainneach don chothrom seo

  • Iomradh air neach sam bith leis a bheilear an dùil co-obrachadh a dhèanamh gus an coimisean a thoirt gu buil.

 

Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu Criosaidh NicRath air chrissie@blas.scot ro 5f, Dihaoine 30mh Iuchar 2021.  Thèid dèiligeadh ri gach tagradh gu dìomhair.  Is dòcha gum bi feum air còmhradh a chumail mu bhuidseat nan cuirmean mus tèid co-dhùnadh a ruighinn, ach bhitheamaid an dòchas cùmhnant a thabhann don neach soirbheachail ro Dhiluain 16mh Lùnastal.

 

Gus nach bi teagamh ann, tha airgead a’ choimisean airson taisbeanaidh 40-mionaid a chruthachadh.  Thèid a h-uile cosgais co-cheangailte ris na cuirmean a phàigheadh leis an fhèis, a’ toirt a-steach tuarastail luchd-ciùil, àiteachan-fuirich, siubhal, feumalachdan teicnigeach is eile.  Ma tha òigridh bho na Fèisean gu bhith an sàs, bidh Fèisean nan Gàidheal gu math deònach co-obrachadh leis an tagraiche soirbheachail gus sin a thoirt gu buil.