top of page

An Gineal Òg: Séamus & Caoimhe Uí Fhlatharta plus Peigi & Donaidh Barker

An Gineal Òg: Séamus & Caoimhe Uí Fhlatharta plus Peigi & Donaidh Barker
05
Sultain / September 2023
1930
GMT

Live @ Venue

£5/£14/£16/£40

Stream online

£50

Rugadh agus thogadh Séamus agus Caoimhe Uí Fhlatharta ann an teaghlach ceòlmhor ann an Conamara, àite aig a bheil cliù airson ceòl, cultar agus Gaeilge.

Tha iad air cliù a chosnadh dhaibh fhèin mar sheinneadairean san t-seann nòs agus airson na co-sheirmean iongantach a th’ aca air òrain ann an Gaeilge agus Beurla. Tha ùidh mhòr aca gu h-àraid ann an co-sheirmean le guthan agus tha na h-òrain aca a’ faighinn buannachd bhon fhuaim shònraichte a gheibhear nuair a sheinneas teaghlaichean còmhla.

Thàinig iad gu aire a’ mhòr-shluaigh ann an 2022 às dèidh dhaibh nochdadh air The Late Late Show air RTE le dreach den òran Anach Cuain. Chaidh an criomag den phrògram bhìorail air feadh an t-saoghail.

Bidh bràthair is piuthar eile, Peigi & Donaidh Barker, aig a bheil cliù airson an cuid co-sheirmean fhèin, còmhla riutha a-nochd. ‘S ann bho teaghlach air leth ceòlmhor, cliùteach a tha an dithis seo ‘s tha iad a-nis a’ cosnadh cliù dhaibh pèin airson an cuid seinn còmhla. Tha Donaidh dripeil bhon a’ cheumnaich e le Ceum ann an ceòl ‘s e mar phàirt de chòmhlan Lewis McLaughlin agus a’ cumail taic cuideachd ris an t-seinneadair Josie Duncan. Tha Peigi aithnichte cuideachd airson guth Merida òga san fhiolm Disney ‘Brave’. Tha i fhathast na oileanach ‘s i an dùil teicheadh dhan Spàinn às dèidh Blas 2023!

Born into a musical family, siblings Séamus & Caoimhe Uí Fhlatharta hail from the village of An Áird Mhóir in the Gaeltacht region of Connemara, County Galway. They are noted for their sean nós singing (unaccompanied traditional Irish vocal performance in the Irish language) and their unique arrangements of both Irish and English language songs. They take a particular interest in vocal arrangement and harmonisation with their performances benefitting from the vocal tones that only families share.

Their Late Late Show performance in 2022 of the soulful lament Anach Cuain captured the mood of the nation and went viral around the world.

Black-isle born brother and sister duo, Peigi & Donaidh Barker, will perform alongside Séamus & Caoimhe tonight. Born into a family of renowned Gaelic singers, they too are making their mark in Gaelic music. Donaidh recently graduated and is kept busy performing with Lewis McLaughlin and Josie Duncan amongst others. Younger sister Peigi voiced the part of Young Merida in the Disney Pixar film Brave at 9 years old including singing a duet with Emma Thompson. She currently studies International Business with Spanish at the University of Dundee and is will head for Barcelona for a year abroad following Blas 2023!

Àite
Venue

Gairloch Community Hall

Gairloch IV21 2DN

bottom of page