Assynt and Deirdre Graham

Assynt and Deirdre Graham
25
Samhain / November 2020
19:30
GMT

Live @ Venue

£14/£12/£5/£34

Stream online

COMING SOON
Livestream Festival Pass

'S e buill ‘Assynt’ Graham MacCoinnich (fidheall), Daibhidh Shedden (pìob/feadag) agus Innes MacIlleBhàin (giotar/mandolin). Tha Graham agus Daibhidh air a bhith ann an cuairt dheireannach Neach-ciùil Òg na Bliadhna aig BBC Rèidio Alba, agus tha Innes air duais Folk na h-Òigridh aig BBC Rèidio 2 a choisinn. An dèidh a bhith a’ cluich còmhla iomadh bliadhna, chaidh an còmhlan a chuir air bhog gu h-oifigeil ann an 2018, nuair a chaidh a' chiad chlàr aca, ‘Road to the North’, fhoillseachadh. Choisinn an còmhlan duais ‘Up and Coming Artist of the Year’ aig Na Trads ann an 2018. Cluinnear ceòl on dàrna clàr, a thèid fhoillseachadh a dh’aithghearr, aig Fèis Bhlas!

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha an seinneadair Gàidhlig, Deirdre Ghreumach, bho theaghlach gu math ceòlmhor. Thug i a-mach a’ chiad chlàr aice - Urranta - bho chionn ghoirid is chaidh gabhail ris gu math.

‘Assynt’ are former BBC Radio Scotland Young Musician of the Year finalists, Graham Mackenzie (fiddle) and David Shedden (pipes/whistles) alongside BBC Radio 2 Young Folk Award winner Innes White (guitar/mandolin).

Having performed together for many years, 2018 saw the official launch of the band and their debut album ‘Road to the North’.

Following this the band won best ‘Up and Coming Artist of the Year’ at the Scots Trad Music Awards 2018. This year's Blas Festival will include music from their soon-to-be-released second album.


Gaelic singer Deirdre Graham is from a musical Skye family and has featured in the past on some recordings by Niteworks. She recently released her first solo album – Urranta – which has been very well received.

Àite
Venue

Croy Village Hall

Inverness, IV2 5FP