Blas Finale

13
Sultain / September 2025
19:30
GMT
Cuirm-crìochnachaidh Blas – A’ comharrachadh Cultar na Gàidhlig
Crìochnaichidh an 21mh Fèis Blas le cuirm sònraichte a’ comharrachadh ceòl, òrain agus dualchas na Gàidhlig.
Cuiridh sinn fàilte air seinneadaran Gàidhlig a th’ air iomadh duais a chosnadh, nam measg Art MacCarmaig on t-Eilean Sgitheanach, agus a mhic, Ruairidh agus Iain. Seinnidh iadsan còmhla ri seinneadaran ionmholta eile – Jenna Chuimeanach à Inbhir Nis, Alice Nic a’ Mhaoilein à Leòdhas agus Ruairidh Gray à Uibhist a Deas, a’ comharrachadh òrain na Gàidhlig ann an dòigh chumhachdach.
Bheir còmhlan air leth taic don luchd-seinn, fo stiùir Ingrid NicEanraig agus le Iain MacPhàrlain, Aonghas MacNeacail agus Eamon Doorley a’ cluich. Cuiridh ceathrar a’ cluich ionnsramaidean-theud fo stiùir Helena Rose à Loch Abar doimhneachd ri ceòl na h-oidhche.
Tòisichidh an oidhche le ‘Aon Ghuth’, a’ chiad chòisir Ghàidhlig Makatan san t-saoghal. A’ measgachadh òrain Ghàidhlig le Makaton – seòrsa de chànan a tha a’ cleachdadh soidhnichean, dealbhan agus còmhradh gus dòigh connaltraidh a thoirt do chuid a dhaoine – tha a’ chòisir seo a’ toirt guth do dhaoine le feumalachdan sònraichte gus am beachdan a thoirt seachad tro cheòl.
An dèidh seo, cluinnear Air Falbh ann am Bàta beò airson a chiad uair. ’S e pìos ciùil àlainn a chaidh a sgrìobhadh le Mike Vass airson Blas 2020, agus a’ togail air òrain agus ceòl o Tobar an Dualchais a tha seo. Chaidh a chruthachadh mar bhideo le compàirtichean nam Fèisean tron ghlasadh, ach thèid a chluich beò le luchd-ciùil òga ùra bho na Fèisean.
’S e oidhche shònraichte a bheir traidisean agus guthan ùra ri chèile a bhios ann, a’ comharrachadh na th’ aig cridhe cultar na Gàidhlig.
Blas Festival Finale – A Celebration of Gaelic Culture
The 21st Blas Festival draws to a close with a spectacular celebration of Gaelic music, song, and heritage.
This year’s finale concert features a stellar lineup of multi-award-winning Gaelic singers, including Arthur Cormack from the Isle of Skye, joined by his sons Ruairidh and Iain. They will perform alongside acclaimed vocalists Jenna Cumming from Inverness, Alice Macmillan from the Isle of Lewis, and Ruairidh Gray from South Uist—together creating a rich and powerful celebration of Gaelic song.
The singers will be accompanied by an outstanding house band led by Musical Director Ingrid Henderson, and featuring Iain MacFarlane, Angus Nicolson, and Eamon Doorley. A string quartet led by Lochaber’s Helena Rose will bring added depth and musical texture to the evening’s repertoire.
The night will open with a performance by ‘Aon Ghuth / One Voice’, the world’s first Gaelic Makaton choir. Combining Gaelic song with Makaton - a language programme that uses signs, symbols, and speech to support communication - this unique choir empowers individuals with additional needs to express themselves through music.
This will be followed by the first live performance of Mike Vass’s 2020 Blas Festival commission, Air Falbh ann am Bàta—a moving piece built from songs and music sourced from the Tobar an Dualchais archives. Originally created as a video performance by Fèisean participants across the country during lockdown, this marks its live debut, performed by a new cohort of young Fèis musicians.
An unforgettable evening that honours tradition while embracing new voices, this finale promises to be an enduring celebration of the essence of Gaelic culture
