Buaidh nam Ban (featuring Kim Carnie) and Brìghde Chaimbeul

Buaidh nam Ban (featuring Kim Carnie) and Brìghde Chaimbeul
20
Samhain / November 2020
19:30
GMT

Live @ Venue

£14/£12/£5/£34

Stream online

COMING SOON
Livestream Festival Pass

‘S e an seinneadair ainmeil Kim Carnie (Mànran, Staran) a bhios a’ cruthachadh coimisean Blas na bliadhna-sa. Bidh Buaidh nam Ban a' dèanamh luaidh air Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain), banaltram agus bana-bhàird às an t-Eilean Sgitheanach, aithnichte airson na h-òrain aice mu strì, moladh, fògar is dòchas. Nì an coimisean moladh air cuid de na bana-bhàird aithnichte air a' Ghàidhealtachd, nam measg Sìleas na Ceapaich, Maighread Nighean Lachlainn agus Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, a' coimhead air an cruaidh-chàs a dh'fhuiling iad nam beatha a' strì an aghaidh ana-ceartas is neo-ionnanachd.

Còmhla ri Kim a-nochd bi Megan NicEanraig, Seumas Mac an Tòisich, Sorren MacIlleathain, Brian MacAilpein agus Cammy Maxwell.

A thuilleadh air an sin, cluinnear Brìghde Chaimbeul à Slèite, a choisinn Duais Horizon BBC Rèidio 2 ann an 2019 agus Duais Òigridh Folk Rèidio 2 ann an 2016. Tha a stoidhle stèidhichte air a cànan is a cultar, ach a’ tarraing o thradiseanan pìobaireachd o air feadh an t-saoghail, às àitean mar Cheap Bhreatainn, An Roinn Eòrpa an Ear agus Èirinn.

Bidh am fìdhlear is sgrìobhadair-ciùil cliùiteach Aidan O’ Rourke (Lau), a riochdaich a ciad chlàr ‘The Reeling’, a’ cluich còmhla ri Brìghde.

The 2021 Blas commission will be delivered by the wonderful Gaelic singer and songwriter Kim Carnie (Mànran, Staran).

Buaidh nam Ban (Influence of Women) will mark the 200-year anniversary of Màiri Mhòr nan Òran (Big Mary of the Songs/Mary Macpherson); a nurse and prolific songwriter from Skye, known for her powerful songs of protest, praise, exile and hope. The commission will also celebrate the work of other great female bards of the Gàidhealtachd, including Sìleas na Ceapaich, Maighread Nighean Lachlainn and Mairi Nighean Alasdair Ruaidh, exploring their lives and challenges they faced fighting against injustice and for equality

Joining Kim on stage will be Megan Henderson, James MacIntosh, Sorren Maclean, Brian McAlpine & Cammy Maxwell.

Also part of tonight’s concert will be the Winner of the 2019 BBC Radio 2 Horizon Award, and 2016 BBC Radio 2 Young Folk award Brìghde Chaimbeul from Sleat on the Isle of Skye. A native Gaelic speaker, her style is rooted in her native language and culture, but draws inspiration from a variety of global piping traditions such as from Cape Breton, Eastern Europe and Ireland.

The outstanding fiddler and composer Aidan O’ Rourke (Lau), her musical partner and producer of her critically acclaimed debut album ‘The Reeling’, will join Brìghde on stage.

Àite
Venue

Inverness Town House

High Street, Inverness, IV1 1JJ