Cèilidh: Calum MacColl Trio with Mairi Callan and Eadarainn

04
Sultain | September 2026
20:00
GMT
’S e seinneadair agus neach-ciùil às a’ Ghearasdan a th’ ann an Calum MacColla, le ceangalan domhainn ri òrain agus cultar na Gàidhlig.
Ged nach do dh’fhàs e suas a’ bruidhinn na Gàidhlig, bha e air a bhogadh san dualchas bho aois òg tro cheòl, chèilidhean agus buaidh athar, Teàrlach MacColla às An Dòirlinn faisg air Àth Tharracail, a bha fileanta sa Ghàidhlig.
Dh’fhàs Calum suas a’ cluich na pìoba agus a’ bhogsa, agus dh'fhàs e air leth measail air ceòl traidiseanta Gàidhlig agus ceòl cèilidh.
Às dèidh dha tilleadh a dh’Alba ann an 2016, thòisich Calum air Gàidhlig ionnsachadh agus air ceangal às ùr a dhèanamh ri òrain a chaidh an toirt seachad sìos tro na ginealaichean na theaghlach fhèin. Chaidh e air adhart gus pàirt a ghabhail ann am farpaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, far an do choisinn e an t-Aigeallan Airgid ann an Glaschu ann an 2019 agus Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Inbhir Nis ann an 2021, far an do sheinn e òrain a rinn bràthair a sheanar. Tha ùidh shònraichte aig Calum ann a bhith a’ roinn òran bhon teaghlach aige fhèin còmhla-ri òrain chèilidh chlasaigeach, gan seinn na stoidhle fhèin le ceòl-taic beòthail.
A bharrachd air a bheatha chiùil, ’s e eòlaiche-sìde a th’ ann an Calum. Às dèidh còig bliadhna ag obair dha Oifis na Sìde ann an Devon, thill e a dh’Alba a dh'obair dhan Mountain Weather Information Service, agus tha e a-nis a’ preasantadh na sìde air BBC Scotland.
Cuide ris a-nochd bidh Màrtainn Skene air a' bhogsa agus Anndra Mac a' Phearsain air drumaichean.
Bidh Mairi Callan nan cuideachd, tè a th' air dà Bhonn Òir a choisinn agus a bhuannaich Farpais Sheinn Thraidiseanta Phan-Cheilteach o chionn ghoirid, agus a' Chòisir Gàidhlig Eadarainn.
Calum MacColl is a singer and musician from Fort William with a deep-rooted connection to Gaelic song and culture.
Although he did not grow up speaking Gaelic, he was immersed in the tradition from an early age through music, ceilidhs, and the influence of his father, Charlie MacColl, a native Gaelic speaker from Dorlin near Acharacle. He grew up playing the bagpipes and accordion and developed a strong love for traditional Gaelic and ceilidh music.
After returning to Scotland in 2016, Calum began learning Gaelic and reconnecting with songs passed down through his family. He went on to compete at the Royal National Mòd, winning the Silver Pendant in Glasgow in 2019 and the Traditional Gold Medal at the Inverness Mòd in 2021, where he performed songs composed by his great-uncle. Calum has a particular passion for sharing songs from his own family alongside classic ceilidh songs, performing them in his own style with lively accompaniment.
Alongside his musical life, Calum is a meteorologist. After spending five years working for the Met Office in Devon, he returned to Scotland to work for the Mountain Weather Information Service and now presents the weather on BBC Scotland.
Joining him tonight will be Màrtainn Skene on Accordion and Andrew Macpherson on Drums. Also on the bill will be Gaelic singer and Double Mod Gold Medalist and recent winner of the Pan Celtic Traditional Singing Competition, Màiri Callan and Gaelic choir Eadarainn.
