top of page

Cèilidh: Iain MacMaster & Angus Nicolson, with Darren MacLean and Mairi Callan

Cèilidh: Iain MacMaster & Angus Nicolson, with Darren MacLean and Mairi Callan
08
Sultain / September 2023
2030
GMT

Live @ Venue

£5/£12/£14/£34

Stream online

£50

Is i cruitear, seinneadair agus sgrìobhaiche-ciùil a th’ ann am Màiri Challan. Dh’àraich i air a bogadh ann an traidisean òrain Gàidhlig Innse Gall agus chaidh i air adhart a dh’ionnsachadh òrain Gàidhlig chlasaigeach le Ceana Chaimbeul, agus clàrsach traidiseanta agus clasaigeach cuide ri Savourna Stevenson. Tha slighe-ciùil Mhàiri a’ triall air feadh nan gnèithean ciùil. Rinn i co-sheirm jazz don òran Cailleach Mhòr Stadhlaigh airson piàna agus seinn agus chaidh a thaghadh airson Leabhran Òrain Albannach Naomh Anndra. Chaidh a ghabhail aig cur air bhog an leabhair le Jamie MacDhùghaill agus cluicheadar piàna Dave Milligan.

Bidh Màiri a’ toirt ri chèile an tuigse a th’ aice air traidisean nan òran Gàidhlig agus a sgilean ann an seinn clasaigeach. Choisinn i Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2021 agus tha i air cluich aig Celtic Connections agus air Alleluia air BBC Alba bhon uair sin.

’S ann à Ròdhag faisg air Dùn Bheagan anns an Eilean Sgitheanach a tha Darren MacIlleathain, agus tha e air a bhith a' seinn bhon a bha e glè òg. Ghabh e pàirt anns a' chiad Mhòd aige aig aois 4. Choisinn e Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2003.

An dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh Darren gu Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba ann an Glaschu, far an do cheumnaich e ann an Ceòl Tradiseanta na h-Alba.

Is e cluicheadair bogsa, fìdeig agus seinneadair a th’ ann an Iain MacMhaigstir à Àth Tharacaill. Tha e na bhall de Chòmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain agus nochd e air a’ chlàr acasan, Road to Glenfinnan (2020).

Harpist, singer and composer Màiri Callan grew up immersed in the Gaelic song tradition of the Outer Hebrides and went on to study classical Gaelic song with Kenna Campbell, and traditional and classical lever harp with Savourna Stevenson. Màiri’s musical journey continues to traverse musical genres. Her jazz arrangement for piano and voice of the Gaelic satire, Cailleach Mhòr Stadhlaigh was selected for the St Andrews Scottish Songbook and was performed at the book launch by tenor Jamie MacDougall and pianist Dave Milligan.

Màiri combines her innate understanding of the Gaelic song tradition with classical voice techniques. She won the prestigious An Comunn Gàidhealach Gold Medal in 2021 and has since performed at Celtic Connections and on BBC Alba’s Alleluia.

Gaelic Singer Darren Maclean is from Roag near Dunvegan in the Isle of Skye and has been singing since he was very young. He competed at his first local Mòd at the age of 4, winning the coveted An Comunn Gàidhealach Mòd Gold Medal in 2003.

When he left school Darren went to study at the Royal Scottish Academy of Music and Drama in Glasgow where he completed a degree in Traditional Scottish Music.

Iain MacMaster is an accordion, whistle player and singer from Acharacle. He is a member of the Glenfinnan Cèilidh Band and released an album with them in 2020 entitled Road to Glenfinnan.

Àite
Venue

Glenelg and Arnisdale Community Hall

Glenelg IV40 8JR

bottom of page