top of page

Cèilidh with Robert Nairn & Ruairidh Gray

Cèilidh with Robert Nairn & Ruairidh Gray
01
Sultain / September 2023
2030
GMT

Live @ Venue

£5/£12/£14/£34

Stream online

£50

Bidh Còmhlan Dannsa Robert Nairn a’ tarraing air blas cèol agus dannsa an sgìre dhualchasach fhèin ann an taobh siar na Gàidhealtachd, agus tha seo soilleir bhon chluiche agus roghainnean-ciùil aca. Choisinn iad Duais Chòmhlain Dannsa na Bliadhna aig Na Trads ann an 2011 air sgàth ’s a’ bhlas Ghàidhealaich a th’ air a’ cheòl aca agus mar a tha gealltanas deagh oidhche de dhannsa agus craic ann don èisteachd is iadsan aig an stiùir!

Cuide riutha air an oidhche, bidh seinneadair agus cluicheadair bogsa-putain Ruairidh MacIlleGhlais à Dalabrog ann an Uibhist a Deas.

Anns an Dàmhair 2022, b’ esan an dàrna neach riamh a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òr an t-Seann Nòis aig an aon Mhòd, a bh’ air a chumail ann am Peairt. Air an aon bhliadhna, chaidh ainmeachadh mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig Na Trads, a bha a’ comharrachadh 20 bliadhna ann an Talla Chaird, Dun Dè.

Tha e an-dràsta anns a’ cheathramh bhliadhna aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ag obair a dh’ionnsaigh BMus ann an Ceòl Traidiseanta, fo stiùir Iseabail T. NicDhòmhnaill.

Robert Nairn’s Highland Dance Band, whose members are originally from the Western Highlands, are deeply rooted in the music and dancing traditions of their local area, which can be heard in their playing and choice of performance material. This authenticity and their penchant for providing an evening of entertainment and great dancing won them the title of Dance Band of the Year at the MG ALBA Scots Trad Music Awards in 2011.

Tonight, they are joined by Ruairidh Gray, an award-winning Gaelic singer and button box player hailing from the village of Daliburgh in South Uist.

In October of 2022 he became only the second person to have won both Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich and Bonn Òr an t-Seann Nòis at the Royal National Mòd which was held in Perth. Later on that very same year he was voted Gaelic Singer of the Year at the MG ALBA Scots Trad Music Awards, celebrating its 20th year in Dundee’s Caird Hall.

He is currently undertaking his 4th year of studies on the Traditional Music (BMus) course at the Royal Conservatoire of Scotland under the tutelage of Iseabail T. MacDonald.

Àite
Venue

Kilmuir Hall

Kilmuir Hall, Isle of Skye IV51 9WS

bottom of page