Còmhraidhean aig a Chaisteal - Castle Conversations - Margaret Stewart

11
Sultain | September 2026
17:00
GMT
Bidh Ingrid NicEanraig a' cur fàilte air aoighean sònraichte airson uair a thìde de cheòl, òrain agus còmhradh anns an t-sreath ùr seo aig Blas 2026. Bidh seanchaidhean, luchd-ciùil, seinneadairean agus dannsairean a-measg nan cèilichean a nochdas aig na trì tachartasan iongantach ann an caisteal àlainn Inbhir Nis, a fhuair taic maoineachaidh bho Mhaoin Fhèisean Leudaichte. 'S e cothrom a bhios annta ceòl, cleachdaidhean agus seanchasan a roinn, a bharrachd air gàirdeachas a dhèanamh orrasan a th' aig cridhe ar dualchas ciùil prìseil.
An-diugh, cluinnidh sinn bhon t-sàr sheinneadair agus eòlaiche, Maighread Stiùbhart. Tha Maighread air nochdadh aig Blas iomadh uair thar nam bliadhnaichean, agus ann an 2012, lìbhrig i coimisean na Fèise - A’ Bhanais Ghàidhealach. Bheir Maighread seachad taghadh de dh’òrain an-diugh ann an cuideachd a dlùth-charaid, Ingrid.
Join Ingrid Henderson for an hour of music, song and conversation in this special new series at Blas 2026. Supported by the Expanded Festivals Fund, Ingrid will be joined by tradition bearers, musicians, singers and dancers across three special events in the beautiful setting of Inverness Castle. Each gathering will be a chance to share music, traditions and stories, celebrating the people at the heart of our rich musical culture and heritage.
Today, we hear from the renowned Gaelic singer and tradition bearer, Maighread Stewart. Maighread has performed at Blas many times since the festival began, and in 2012 she delivered the Blas commission - A’ Bhanais Ghàidhealach (The Highland Wedding). Today, Maighread will perform a selection of songs accompanied by her close musical friend, Ingrid.
