Cèilidh Tots

12
Sultain | September 2026
10:30
GMT
Thigibh agus gabhaibh pàirt còmhla rinn ann an cuirm bheag de cheòl traidiseanta do chlann òga agus an teaghlaichean. Tha fàilte chridheil air daoine de gach aois, sean agus òg!
Air a dhealbhadh airson clann ro-sgoile, tha Ceilidh Tots a’ toirt cothrom do phàrantan agus luchd-cùraim beagan ùine a ghabhail dhaibh fhèin agus cuirm bheò fhaighinn bho luchd-ciùil proifeiseanta, agus aig an aon àm faodaidh a’ chlann gluasad mun cuairt mar a thogras iad fhèin.
Tha buannachdan mòra ann bho bhith a’ toirt eòlas do chloinn air ceòl aig aois òg. Tha sinn airson ceòl àrd-inbhe a dhèanamh ruigsinneach do dhaoine de gach aois – smaoinich air strathspeys, ruidhlichean agus puirt cruinn agus Waltzes Gàidhealach seach Baby Shark!
’S e seisean eadar-obrachail, socair a tha seo, le tòrr ionnstramaidean beaga airson an fheadhainn bheaga a chleachdadh agus pàirt a ghabhail ann, agus mairidh e beagan nas lugha na uair a thìde. Bhiodh sinn gad bhrosnachadh gus tlachd a ghabhail às nad dhòigh fhèin, ge bith an e sin èirigh suas a dhannsa agus gluasad mun cuairt, no dìreach suidhe air ais agus èisteachd. Gheibh a’ chlann eòlas air ceòl na h-Alba ann an àrainneachd shocair. Tha plaide mòr againn cuideachd agus beagan eileamaidean mothachaidh eile, leithid builgeanan.
Thigibh agus dèan ceangal ri teaghlaichean eile agus gabh tlachd às na fuinn!
Come and join us for a mini traditional music concert for young children and their families. All ages welcome, from young to old!
Aimed at pre-school children, Ceilidh Tots offers parents and guardians the chance to take some time out and enjoy a live concert from professional musicians, whilst children can roam around freely and enjoy the tunes.
The benefits of exposing children to music early on are endless. We want to make quality music accessible for all ages- think strathspeys, reels and jigs and Gaelic Waltzes as opposed to Baby Shark!
This is an interactive, relaxed session with lots of mini instruments for the wee ones to join in and lasts just under an hour. We would encourage you to enjoy it in your own way, whether that’s by getting up to dance and move around or just sitting back and enjoying the tunes. Children will be exposed to Scottish music in a relaxed setting and are free to roam around and experience it as they please. We also have a parachute blanket and a few other sensory elements, such as bubbles.
Come and connect with other families and enjoy the tunes!
