top of page

Charlie Mckerron and Friends with Kathleen MacInnes

Charlie Mckerron and Friends with Kathleen MacInnes
07
Sultain | September 2026
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

Tha Charlie Mckerron, fìdhlear Capercaillie agus Session A9, còmhla ri a charaidean Ross Ainslie, Marc Clement agus Cailean Mckerron a' toighinn cruinn còmhla ann an sreath de chuirmean gus caraid glè shònraichte eile dha a chomharrachadh.

“Tha mo charaid dhìleas, m’ fhidheall, 150 bliadhna a dh’aois am-bliadhna. Thuirt Ralph Waldo Emerson uaireigin gur ann air na fìdhlean as sine a chluichear na puirt as fheàrr, agus tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh e ceart,” arsa Charlie. Thàinig am fidheall thuige às dèidh don ionnstramaid a bh' aige a bhith air a goid à bhan Capercaillie fhad ’s a bha iad air chuairt aig deireadh nan 1980an. “Tha eachdraidh inntinneach aig an fhidheall agus tha i air a bhith na pàirt de mo bheatha-chiùil fad nan 30 bliadhna mu dheireadh – agus, tha mi an dòchas, airson grunn bhliadhnaichean eile fhathast.”

Bheir Ross Ainslie agus Marc Clement cùl-raon ciùil an t-saoghail gu mòran de dh’obair Mckerron. Tha anam-ciùil ann, agus lùth nan ruitheaman luatha agus an saor-chluiche iongantach a’ dèanamh gach oidhche eadar-dhealaichte. Bidh iad daonnan a’ putadh agus a’ toirt dùbhlain dha chèile. “Is toigh leam an saor-chluiche a thig a-steach; tha saorsa anns a’ cheòl,” arsa Ross Ainslie.

“Tha mi cuideachd a' coimhead air adhart ri cuireadh a thoirt dha mo mhac Cailean a thighinn còmhla rinn,” arsa Charlie. “’S e duine òg air leth tàlantach a th’ ann an Cailean, agus tha fios agam gun toir e cuid den spionnadh aigesan dhan cheòl againne – agus ’s dòcha gum faigh sinn òran Gàidhlig bhuaithe cuideachd.”

Tha Charlie an-dràsta ag obair air a CD aon-neach aige, anns am bi cuid den cheòl bhon chòmhlan seo, a thuilleadh air cuideachadh bho luchd-ciùil Ceilteach agus luchd-ciùil eile bho air feadh an t-saoghail. “’S iad na cuirmean beaga seo an dòigh as fheàrr air cuid den cheòl ùr againn a thoirt gu aire dhaoine,” arsa Charlie.

Faodaidh dùil a bhi agaibh ri cheòl is dibhearsain air leth bhon luchd-ciùil thàlantach seo. Bidh fios is faireachdain aig an luchd-èisteachd air an t-sàr-chomas agus an toileachas a th’ aca ann a bhith a’ cluich còmhla.

’S e Kathleen NicAonghais aon de phrìomh sheinneadairean agus chraoladairean Gàidhlig na h-Alba, aithnichte airson a guth sònraichte agus a dealas do chànan is cultar na Gàidhlig. ’S ann à Uibhist a Deas a tha i bho thùs, agus i a-nis stèidhichte ann an Glaschu; tha i air cùrsa-dreuchd fharsaing a thogail ann an ceòl, dràma agus craoladh.

Nochd i mar phrìomh sheinneadair ann am Macbeth (2024–2025), air a stiùireadh le Max Webster agus le David Tennant agus Cush Jumbo nam prìomh chleasaichean. Bidh i cuideachd a’ nochdadh gu cunbhalach air Transatlantic Sessions còmhla ri luchd-ciùil leithid Alison Krauss, Aly Bain agus Phil Cunningham, agus bha a guth ri chluinntinn ann am film Hollywood Robin Hood (2009) air a stiùireadh le Ridley Scott, agus Russell Crowe na phrìomh chleasaiche.

Chaidh na clàran aice Òg Mhadainn Shamhraidh agus Cille Bhrìde a riochdachadh le Iain MacDhòmhnaill, agus choisinn Òg Mhadainn Shamhraidh duaise Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Newcomer of the Year aig LiveIreland.

Tha i cuideachd na craoladair do BhBC Scotland agus BBC Radio nan Gàidheal, na guth Gàidhlig aig Mummy Pig, agus tric a' nochdadh air BBC Alba. Ann an 2026 chaidh a h-aithneachadh air liosta Hands Up for Trad Women in Music and Culture 2026 airson na chuir i ri cultar na h-Alba.

Capercaillie and Session A9 fiddle player, Charlie Mckerron is joined by his friends Ross Ainslie, Marc Clement and Cailean Mckerron in a series of gigs to celebrate another very special friend of his.

“My faithful friend, my fiddle, turns 150 years old this year. Ralph Waldo Emerson once said that the best tunes are played on the oldest fiddles, and I think he may well have been right about that”, says Charlie. The fiddle came to him after his original instrument was stolen from the Capercaillie van whilst on tour in the late 1980’s. “The fiddle has an interesting background and it has been part of my musical career over the last 30 years, and hopefully will be for a few more”.

Ross Ainslie and Marc Clement bring a world music backdrop to many of Mckerron’s compositions. There is a musicial soulfulness, and the fury of the up tempo madness and incredible improvisiation make each night a different experience. They continually push and challenge each other, “I love the improvisation thrown in, there is freedom within the music”, comments Ross Ainslie.

“I am also excited to invite my son Cailean to join us” says Charlie. “Cailean is a very talented young man and I know he will bring some of his energy to our music and we might even get a Gaelic song from him”.

Charlie is at the moment working on his solo CD, which features some of the music from this line-up, as well as contributions from other Celtic and World musicians. “These intimate gigs are the perfect way to introduce some of our new music”, says Charlie.

You can expect amazing music and entertainment from these award-winning musicians. Their virtuosity and the sheer joy of performing together will always shine.

Kathleen MacInnes is a leading Scottish Gaelic singer and broadcaster known for her distinctive voice and commitment to Gaelic language and culture. Originally from South Uist and now based in Glasgow, she has developed a wide-ranging career in music, theatre and broadcasting.

She appeared as the featured vocalist in Macbeth (2024–2025), directed by Max Webster and starring David Tennant and Cush Jumbo. She also appears regularly on Transatlantic Sessions alongside artists such as Alison Krauss, Aly Bain and Phil Cunningham and her vocals featured on Ridley Scott's Hollywood Film Robin Hood 2009 starring Russell Crowe
Her albums Òg Mhadainn Shamhraidh and Cille Bhrìde were produced by Iain MacDonald, with Òg Mhadainn Shamhraidh earning Gaelic Singer of the Year and LiveIreland Newcomer of the Year.

She is also a broadcaster for BBC Scotland and BBC Radio nan Gàidheal, the Gaelic voice of Mummy Pig, and a contributor to BBC Alba. In 2026 she was recognised in the Hands Up for Trad Women in Music and Culture 2026 list for her contribution to Scottish culture.

Àite
Venue

Croy Village Hall

Croy, Inverness IV2 5PG

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

Blas logos 24.png
bottom of page