Com-pàirteachas - Partnership: Mànran with Ruairidh Gray and Aon Ghuth featuring Coisìr na h-Òige

05
Sultain | September 2026
19:30
GMT
Fàilte bhlàth oirbh uile!
Fad còrr is còig bliadhna deug tha Mànran air a bhith aig cridhe saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba, a’ cosnadh cliù mar chòmhlan cumhachdach ioma-dhuaiseach. Ainmeil airson an cothlamadh dàna de bhuaidhean traidiseanta is co-aimsireil, tha an còmhlan de sheachdnar seo fhathast a’ glacadh aire luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail leis an fhuaim shònraichte agus na cuirmean beòthail aca.
A’ fighe òran Beurla agus Ghàidhlig ri chèile gu nàdarra, le measgachadh beòthail de phìoban, fidheall, bogsa, feadag agus duiseal – còmhla ri giotàran, drumaichean agus beus – tha Mànran a’ cruthachadh ceòl a tha freumhaichte gu domhainn san dualchas ach a tha daonnan a’ gluasad air adhart. Tha na pìosan-ciùil aca fhèin, air an dèanamh le sgil agus eòlas, a’ sealltainn comas a’ chòmhlain crìochan ciùil a phutadh ach a' fantail dìleas don dualchas aca.
Le cuirmean ann an còrr is 30 dùthaich, tha Mànran air luchd-leantainn dìleas a thogail air feadh an t-saoghail, air a dhaingneachadh leis an urram a chaidh a bhuileachadh orra mar ‘International Artist of the Year’ aig Duaisean Ceòl Ceilteach Astràilia. Ge bith an ann air àrd-ùrlar aig fèisean mòra no ann an ionadan beaga a bhios iad, tha na cuirmean beò aca nan dearbhadh air an dlùth-cheangal a th' aca ris an luchd-èisteachd agus air an cuid dealais do shàr-cheòladaireachd.
Fhad ’s a tha iad a’ leantainn orra a’ rannsachadh raointean-ciùil ùra, tha Mànran fhathast am measg nan còmhlan as cliùitiche ann an Alba, a’ togail slighe a tha a’ comharrachadh an dualchais agus, aig an aon àm, a’ coimhead air adhart ris an àm ri teachd.
Seinnidh Ruairidh Gray taghadh de dh’òrain Ghàidhlig a bhios cinnteach toirt air an luchd-èisteachd seinn còmhla ris. Bidh Sìleas Nic na Ceàrdaich BEM còmhla ris air a’ phiàna!
Tha sinn cuideachd air leth toilichte gum bi a' chòisir 'Aon Ghuth' a' tilleadh gu Blas, còmhla ri Còisir na h-Òige. Tha an com-pàirteachas sònraichte is aoibhneach eadar an dà chòisir, a’ taisbeanadh cumhachd in-ghabhaltas agus ruigsinneachd ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
Fàilte bhlàth oirbh uile!
For over 15 years, Mànran has been at the heart of the Scottish traditional music scene, earning a reputation as a multi-award-winning powerhouse. Known for their bold fusion of traditional and contemporary influences, the seven-piece band continues to captivate audiences worldwide with their distinctive sound and high-energy performances.
Seamlessly combining English and Gaelic songs, with a dynamic mix of bagpipes, fiddle, accordion, whistle, and flute—alongside guitars, drums, and bass —Mànran creates music that is deeply rooted in tradition yet constantly evolving. Their original compositions, crafted with skill and expertise, showcase the band’s ability to push musical boundaries while staying true to their heritage.
With performances in over 30 countries, Mànran has built a loyal global following, further solidified by their win as ‘International Artist of the Year' at the Australian Celtic Music Awards. Whether playing major festival stages or intimate venues, their live shows are a testament to their connection with audiences and their commitment to musical excellence.
As they continue to explore new musical territory, Mànran remains one of Scotland’s most iconic and respected bands, forging a path that celebrates tradition while embracing the future.
Ruairidh Gray will entertain the audience with a selection of Gaelic song sure to get the audience singing along. He is joined by the fabulous Sileas Sincair BEM on piano!
We are delighted that Aon Ghuth will appear once again at Eden Court alongside their musical friends from Fèis na h-Òige. A special & joyous partnership between our 2 choirs which showcases the power of inclusion & accessibility in Gaelic language & culture.
