Maggie MacInnes and her Band: The Kalokerinos Tapes

09
Sultain | September 2026
19:30
GMT
Bidh Maggie NicAonghais, seinneadair Gàidhlig cliùiteach, a’ taisbeanadh cruinneachadh de dh’òrain à tasglann phrìobhaideach nach deach fhoillseachadh roimhe, air an clàradh le a màthair, an seinneadair traidiseanta ainmeil à Barraigh, Flora NicNèill MBE. Chaidh an tasglann, anns a bheil mu 180 òran, a chlàradh anns na 1950an agus 1960an leis an eòlaiche beul-aithris Astràilianach, an Dr James Kalokerinos. Tha e a’ gabhail a-steach iomadh òran nach cluinnear tric, a thuilleadh air mòran de na h-òrain thraidiseanta a thug Flora gu aire a' mhòr-shluaigh.
Le taic bho Alba Chruthachail, tha Maggie air taisbeanadh a chur ri chèile a bheir urram do Flora agus do luchd-giùlain dualchais eile a thug na h-òrain dhith. Tha i cuideachd air na h-òrain bhon taisbeanadh a chlàradh air a’ chlàr ùr aice, Uiseagan Bharraigh (Barra Skylarks) MARCD07.
Bidh cuid den luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba còmhla ri Maggie, nam measg Wendy Weatherby (cello), Calum Park (fidheall agus giotàr), Ailis Sutherland (pìob agus duiseal), Dan Brown (meur-chlàr) agus Alex Palmer (faramachd).
Award winning Gaelic singer, Maggie MacInnes, will be performing contemporary arrangements of songs from a previously unreleased private archive recorded by her mother, the great traditional singer from the island of Barra, Flora MacNeil MBE. The archive of around 180 songs was recorded in the 1950s and 60s by an Australian folklorist, Dr James Kalokerinos, and includes many rare gems alongside some of the many traditional songs which Flora helped make popular today.
With assistance from Creative Scotland, Maggie has put together a show which pays tribute to Flora and to other tradition bearers who passed on the songs to her, and she has recorded the songs from the show on her recently released album, Uiseagan Bharraigh (Barra Skylarks) MARCD07.
Accompanying Maggie will be some of Scotland’s finest musicians including Wendy Weatherby (cello), Calum Park (fiddle & guitar), Ailis Sutherland (pipes & flute), Dan Brown (keyboards) and Alex Palmer (percussion)
