top of page

Dàimh & Isla Scott

Dàimh & Isla Scott
10
Sultain / September 2025
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

Dàimh - Sàr chòmhlan na Gàidhlig gun choimeas à Loch Abar agus An t-Eilean Sgitheanach, le ceòl fìor Ghàidhealach. Thòisich Dàimh air an slighe mu thoiseach na linne, agus bhon uair sin tha iad air spionnadh a chur ann an luchd-èisteachd ann an còrr is 20 dùthaich len tionndadh ùr-nòsach air ceòl Gàidhealach, eadar San Francisco agus Mosgo.

Tha an còmhlan aithnichte airson ceòl na pìoba agus na fìdhle le Aonghas MacCoinnich agus Gabe MacMharais a' togail an fhuinn, agus Ross Màrtainn a' toirt ruitheam dhan cheòl air a' ghiotàr. Ged a tha an triùir sin air a bhith ann bhon fhìor thoiseach, tha fear ùr nan cois a-nis is Murchadh ""Yogi"" Camhshron a' seinn a' mhandòla agus a' bhocsa.

Tha cliù air a bhith aig Dàimh a-riamh mar chòmhlan a tha ag obrachadh còmhla-ri cuid de na seinneadairean Gàidhealach as fheàrr ann an Alba, agus gu dearbha tha sin fìor fhathast, le bana-sheinneadair shàr bhinn, Ellen NicDhòmhnaill, nan cuideachd.

'S i bana-sheinneadair agus sgrìobhadair-òran a th' ann an Isla Scott às Na Hearadh, is i gun ach 18 bliadhna. Tha i an-dràst a' rannsachadh Ceòl Traidiseanta aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, le sealladh sònraichte air amhrain Ghàidhlig.

Thòisich Isla a' dèanamh amhran aig aois 11 bliadhna, le ùidh àraidh aice ann a bhith a' dèanamh nan amhran Gàidhlig aice fhèin.

A-measg nan cuirmean-ciùil as fheàrr anns an robh i an sàs, bha a' cho-fharpais airson Amhran Ùr Ceilteach aig an Fhèis Phan-Cheilteach Eadar-Nàiseanta, agus sreath de chuirmean mar phàirt den turas, "Hit the Road Tours"

Dàimh – Gaelic Supergroup and un-challenged champions of straight in the eye Highland music are based around West Lochaber and the Isle of Skye.

Formed around the turn of the century and taking the name from the Gaelic word for “kinship” Dàimh (pronounced Dive) have taken their contemporary take of Highland and Gaelic music to over 20 countries, setting audiences alight from Moscow to San Francisco.

With a reputation as giants of the Bagpipes and Fiddle, Angus Mackenzie and Gabe McVarish lead the melodic powerhouse with fellow founder member Ross Martin underpinning the groove on the Guitar. The Band are joined by “new guy” Murdo “Yogi” Cameron on Mandola and Accordion to complete the instrumental line up.

Dàimh have always had the renown and notoriety of working with some of the finest Gaelic singers in Scotland and the current line up only serves to cement that distinction with outstanding vocalist Ellen MacDonald.

Àite
Venue

Strathdearn Hub

The Strathdearn, Tomatin, Inverness IV13 7YN

Blas logos 24.png

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

bottom of page