top of page

Sian with Iain Morrison

Sian with Iain Morrison
12
Sultain | September 2026
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

Tha Sian air a dhèanamh suas de thriùir de na seinneadairean Gàidhlig as tàlantaiche a th' ann – Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill – le taic-ciùil bhon ioma-ionnsramaidiche Innes White. Chaidh an còmhlan a stèidheachadh ann an 2016 mar phàirt de Blas, agus tha iad air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin.

Le ceangalan dlùth aig na seinneadairean ri Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath, tha na rèiteachaidhean-ciùil aca a’ cothlamadh faireachdainn domhainn don dualchas ri obair cho-sheirm dhrùidhteach, mhac-meanmnach. Mar thoradh air sin, thathas air an samhlachadh ri The Staves agus eadhon ri Crosby, Stills agus Nash & Young. Chaidh a’ chiad chlàr aca, fon ainm aca fhèin agus air a riochdachadh le Dòmhnall Seathach, fhoillseachadh ann an 2020. Chaidh an dàrna clàr aca 'ARAON' ainmeachadh mar clàr na bliadhna aig Na Trads ann an 2025.

“Aig an aon àm àrsaidh agus ùr-nòsach, agus daonnan iongantach.” – The National


’S e neach-ciùil agus sgrìobhadair à Eilean Leòdhais a th’ ann an Iain Moireasdan, agus tha e an-dràsta ag obair air clàr ùr, Vatisker, a bhios air fhoillseachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Freumhaichte ann an àite, cuimhne agus sinnsearachd, tha am pròiseact a’ tarraing air clàraidhean tasglainn de dhithis seanchaidh às a' bhaile aige fhèin: an seinneadair Gàidhlig nach eil cho aithnichte, Tormod Spàigean, agus athair Iain fhèin, Iain Murdo Moireasdan. Tha criomagan de phuirt, earrannan-ciùil, ruitheam agus fuaim-àrainn bho na clàraidhean sin gan samplachadh, gan ath-mhìneachadh agus gam fighe a-steach do shuidheachaidhean ciùil ùra.

Bidh pàirtean de na seann chlàraidhean cuideachd rin cluinntinn air feadh a’ chlàir ùr, a’ measgachadh ghuthan bhon tasglann le pìosan-ciùil ùr gus obair a chruthachadh a tha a’ togail drochaid eadar an t-àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh.

Bidh Gòrdan MacIllEathain (Eilean Mhuile) còmhla ri Iain air an àrd-ùrlar.

“Nam biodh fearann is muir an eilein a’ dèanamh ceòl, ’s iongantach mura biodh e coltach ri seo.”

Sian comprises three of today’s most exquisitely gifted Gaelic singers - Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack and Ellen MacDonald – accompanied by multi-instrumentalist Innes White. Celebrating their 10th anniversary in 2026, they first came together as part of the Blas Festival and have gone on to perform extensively across the UK and Europe.

With direct connections among the singers to Lewis, Skye and North Uist, their arrangements match deep feeling for tradition with stunning, boldly imaginative harmony work, which has seen them likened to The Staves and even Crosby, Stills, Nash and Young. Their self-titled debut album, produced by Donald Shaw, was released in 2020 and there follow-up album 'ARAON' was voted album of the year at the 2025 Scottish Trad Music Awards.

“At once both ancient and modern, and never less than remarkable.” – The National

Iain Morrison is a musician and writer from the Isle of Lewis, currently working on a new album, Vatisker, due for release later this year.

Rooted in place, memory, and lineage, the project draws inspiration from archival recordings of two tradition bearers from his village: the relatively unknown Gaelic singer Tormod Spàigean and Morrison’s father, Iain Murdo Morrison. Fragments of melody, phrasing, rhythm, and atmosphere from these recordings are being sampled, reinterpreted, and woven into new musical settings.

Original audio from the field recordings will also feature throughout the album’s soundscapes, blending archival voices with contemporary composition to create a work that bridges past and present.

Iain will be joined onstage by Gordon Maclean (Isle of Mull).

“If the island’s land and sea made music it would probably sound a lot like this”.

Àite
Venue

Glen Urquhart Public Hall

Blairbeg, Drumnadrochit, IV63 6UG

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

Blas logos 24.png
bottom of page