Ewen Henderson and James & Katie MacKenzie

Ewen Henderson and James & Katie MacKenzie
19
Samhain / November 2020
19:30
GMT

Live @ Venue

£14/£12/£5/£34

Stream online

COMING SOON
Livestream Festival Pass

'S ann à Loch Abar a tha an neach-ciùil agus seinneadair Eòghann MacEanraig agus chaidh a bhogadh ann an ceòl agus dualchas na sgìre nuair a bha e glè òg. Thòisich e air an fhìdheall nuair nach robh e ach 6 bliadhna a dh'aois agus bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar phìobaire, sheinneadair agus cheòladair a chuireadh gleus air iomadh inneal-chiùil. Na òige, fhuair e oideachadh nach gabh tomhas bho cuid de shàr-ghaisgich a' chultair - leithid Aonghas Grannd air an fhìdheall agus Aonghas Mac Cholla air' a phìob - aig a' cheart àm ‘s a bha dualchas làidir a chuideachd fhèin a' toirt buaidh mhaireannach air.

’S ann à Leòdhas a tha Seamus a cheumnaich on chùrsa phìobaireachd aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Ann an 2019, choisinn e am bonn airgid airson pìobaireachd aig a’ Chruinneachadh a Tuath. Bha Seumas na bhall den chòmhlan folk ‘Breabach’, agus tha e an-diugh na bhall de ‘Tryst’. Tha e air dà chlàr fhoillseachadh leis fhèin, is tha dùil gum bi an treas chlàr air fhoillseachadh ann an 2021. Bidh e an còmhnaidh a’ sgrìobhadh puirt is tha e an dùil leabhar de na puirt fhoillseachadh an ath bhliadhna.

Thogadh Ceitidh air a’ Ghàidhealtachd; bidh i a’ seinn agus a’ cluich a’ chlàrsaich. Bha i na h-oileanach aig Kenna Chaimbeul aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, le cuideam air òrain Ghàidhlig. Tha Ceitidh air aon chlàr, ‘The Lassies Reply’, fhoillseachadh is chaidh a chuir air adhart airson duais ‘clàr na bliadhna’ aig Na Trads.

Ewen Henderson hails from Lochaber in the West Highlands of Scotland and has been naturally steeped in the traditional music and Gaelic culture of the area from an early age. Ewen started learning the fiddle at five years of age and has since then mastered an impressive array of instruments, having had the privilege of learning from many of the true masters of West Highland traditional music - Aonghas Grant Snr. on fiddle most notably - whilst also being influenced by his strong family musical heritage.


From the Isle of Lewis, James is a graduate of the Royal Conservatoire of Scotland's Piping Degree Course. In 2019, James won the Silver Medal for Piobaireachd at the Northern Meeting Piping competition. A former member of folk band ‘Breabach’, James is also a member of ‘Tryst’. He has produced two solo albums and is currently working on his 3rd which is due for release this year. He is a keen tune writer and is also currently working on a book of his original tunes which is due for release later this year.

Brought up in the Highlands, Katie is a Gaelic singer and harpist. She studied at the Royal Conservatoire of Scotland, specialising in Gaelic Song with Kenna Campbell. Katie has released one album to date, The Lassies Reply, which received great reviews and was nominated for Album of the Year at the Scots Trad Awards.

Àite
Venue

An Lanntair

Kenneth Street, Stornoway, Isle of Lewis, HS1 2DS