Flook and Mairi McGillivray

11
Sultain / September 2025
19:30
GMT
B'e measgachadh gu tur ùr-ghnàthach a bh' ann nuair a thàinig an luchd-ciùil agus an cuid innealan bhon chòmhlan Flook còmhla airson a' chiad triop ann an 1995. Tha iad air sia clàran de dh'amhrain fhoillseachadh bhon uair sin- aonan a chaidh a chlàradh beò agus còig anns an stiùidio- agus air an uiread de chuirmean-ciùil iongantach a chluich is nach gabh an tomhas. Ged a tha 30 bliadhna air dol seachad, tha an cuid dhànachd, thàlant agus innleachdais gun abhsadh.
Bha an còmhlan aithnichte bhon toiseach airson an cuid chiùil a bha gun choimeas agus tha iad fhathast a' leantainn gu dlùth ris a' cliù sin; eadar na feadagan is duisealan aig Brian Finnegan agus Sarah Allen, an giotàr aig Ed Boyd agus am bodhran aig John Joe Kelly, thèid fuinn bhon dualchas agus ruitheam mionaideach a' ghiotàr fhighe a-measg a chèile ann an clò iomadh-fhillte, le cothromachadh eadar tàlant sàr bhuadhach, ceòlmhorachd thùrail agus tionnsgalachd mheanmnach.
Chan eil càil nas cinntiche gu bheil tàlant air leth aig gach duine anns a' chòmhlan-chiùil, Flook, ach 's e rud sònraichte a th' ann a bhith gan èisteachd le chèile agus cho nàdarrach nàdarrach 's a tha co-sheinn nan inneal-ciùil, eadar duisealan, feadagan, teudan agus drumaichean.
'S i bana-sheinneadair Ghàidhlig à Ìle a th' ann am Màiri Nic Gille Bhràith. Tha Màiri a' cur feum air a cuid dùthchais, a bharrachd air a bhith a' tarraing bho mheasgachadh de thobraichean ciùil, agus anns an dòigh seo thèid aice air dreach ùr a chur air amhrain bhon dualchas, a' seinn an dà chuid ann an Gàidhlig agus stoidhlichean traidiseanta eile.
Bidh dithis neach-ciùil air leth na cuideachd. Is iad sin Sean Gray (giotàr) agus Isla Callister (fidheall), agus le chèile nì iad gàirdeachas air bòidhchead is cumhachd amhran Gàidhlig.
"
What began in 1995 as a ground-breaking union of musicians and instruments, has continued as a unique musical offering through one live album, five studio albums and countless outstanding performances. After 30 years Flook show no sign of letting-up in their brilliance, their dynamism, or their inventive flair.
The band early on evolved an inimitable trademark sound and hold fast to their rightful reputation as exceptional musical innovators; the whistles and flutes of Brian Finnegan and Sarah Allen, the guitar of Ed Boyd and the bodhran of John Joe Kelly weaving and spinning tunes rooted in tradition over precise acoustic grooves, with a rare blend of fiery technical brilliance, delicate ensemble interaction and a bold, adventurous musical imagination.
There is an ever present abundance of individual virtuosity amongst Flook’s four members, but there is also something wholly unique when this iconic Anglo-Irish band step on stage together, their playing always an intuitive, almost symbiotic, exchange between the various flutes, whistles, frets and skins.
Mairi McGillivray is a Gaelic singer from the island of Islay off the west coast of Scotland. Mairi comes from a strong gaelic background and uses her heritage along with her dynamic range of musical influences to put her own style on songs from her tradition, performing in gaelic and other traditional styles.
Mairi is joined on stage by two top class Traditional musicians, Sean Gray (guitar) and Isla Callister (fiddle). Together they celebrate the beauty and strength of Gaelic song.
