top of page

Graham MacKenzie Trio plus Deirdre Graham and Cèilidh Trail Fèis Lochabair

Graham MacKenzie Trio plus Deirdre Graham and Cèilidh Trail Fèis Lochabair
08
Sultain / September 2023
1930
GMT

Live @ Venue

£5/£14/£16/£40

Stream online

£50

Is e neach-ciùil ùr-ghnàthach a th’ ann am fìdhlear agus sgrìobhaiche-ciùil Graham MacCoinnich à Inbhir Nis. Cheumnaich e bhon Cholaiste Rìoghail a Tuath airson Ceòl agus bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba, bha e dà thuras sa chuairt-dheireannach airson Duais Òg Cèol Folk BBC Radio 2, agus ann an cuairt-dheireannach Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna aig BBC Radio Scotland. Chaidh a’ chiad chlàr aige, Crossing Borders, a chur air bhog aig Blas ann an 2016 agus, anns an aon bhliadhna, chaidh ainmeachadh airson Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna aig Na Trads.

Chaidh an dàrna clàr aige, The Dawning, a chur air bhog aig Celtic Connections am-bliadhna. A’ tarraing air stoidhlean-cluiche Albannach, Èireannach agus Ceap Bhreatainneach, tha an obair ùr aig Graham, a th’ air nochdadh air feadh a’ BhBC, a’ toirt ri chèile puirt a rinn e fhèin agus puirt a th’ air buaidh a thoirt air mar neach-ciùil, a’ tarraing air an eòlas a th’ aige le bhith a’ cluich leis a’ chòmhlan innleachdadh The Grit Orchestra. Bidh Innes MacIlleBhàin (giotàr) agus Seumas Lindsay (double bass) a’ cluich cuide ris air an oidhche.

A' fàs suas ann an teaghlach ceòlmhor anns an Eilean Sgitheanach, bha Deirdre Ghreumach air a bogadh ann an cultar nan Gàidheal bho aois gu math òg. Chaidh i air adhart do Chonservatoire Rìoghail na h-Alba mus do ghluais i do Shìona agus Malaidhsea far an do dh’ionnsaich i mun chultar is ceòl an sin. Bhon a thill i dhachaigh, tha Deirdre air a bhith trang a’ cur taic ri ceòl na Gàidhlig agus i air ainm a dhèanamh dhi fhèin ann an Alba às dèidh dhi a’ chiad chlàr aice, URRANTA, a chur air bhog ann an 2020.

Cuiridh Cèilidh air Chuairt Fèis Lochabair cùisean gu dol air an oidhche.

Highland fiddler and composer Graham Mackenzie is an innovative musician originally from Inverness. A graduate from the Royal Northern College of Music and the Royal Conservatoire of Scotland, he was twice a finalist in the BBC Radio 2 Young Folk Award, as well as being a finalist in the BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year. His debut album, 'Crossing Borders’, was released in 2016 at Blas and in the same year, Graham was nominated as ‘Composer of the Year’ at the Scots Trad Awards.

Graham’s second studio album, ‘The Dawning’ launched at Celtic Connections 2023. Influenced by Scottish, Irish and Cape Breton styles of fiddle playing, Graham’s new work, which has featured across the BBC, combines self penned tunes alongside repertoire which has shaped him as a musician, drawing on his experience of performing with cross genre group, The Grit Orchestra. Graham will be joined by Innes White on guitar and James Lindsay on double bass.

Growing up in a musical family on the Isle of Skye, Deirdre Graham was steeped in Gaelic culture from an early age. She went on to study at the Royal Conservatoire of Scotland before moving to China and Malaysia, where she embraced the local music and traditions. Since returning home Deirdre has been active in promoting Gaelic music and has risen in prominence in the Scottish folk music scene following the release of her debut album URRANTA in 2020.

The Fèis Lochabair Cèilidh Trail will provide support on the night.

Àite
Venue

Roybridge Memorial Hall

Roybridge Memorial Hall. Village Square, Roybridge, PH31 4AE

bottom of page