Kathleen MacInnes with Ailis Sutherland & Lauren MacColl

12
Sultain | September 2026
19:30
GMT
’S e Kathleen NicAonghais aon de phrìomh sheinneadairean agus chraoladairean Gàidhlig na h-Alba, aithnichte airson a guth sònraichte agus a dealas do chànan is cultar na Gàidhlig. ’S ann à Uibhist a Deas a tha i bho thùs, agus i a-nis stèidhichte ann an Glaschu; tha i air cùrsa-dreuchd fharsaing a thogail ann an ceòl, dràma agus craoladh.
Nochd i mar phrìomh sheinneadair ann am Macbeth (2024–2025), air a stiùireadh le Max Webster agus le David Tennant agus Cush Jumbo nam prìomh chleasaichean. Bidh i cuideachd a’ nochdadh gu cunbhalach air Transatlantic Sessions còmhla ri luchd-ciùil leithid Alison Krauss, Aly Bain agus Phil Cunningham, agus bha a guth ri chluinntinn ann am film Hollywood Robin Hood (2009) air a stiùireadh le Ridley Scott, agus Russell Crowe na phrìomh chleasaiche.
Chaidh na clàran aice Òg Mhadainn Shamhraidh agus Cille Bhrìde a riochdachadh le Iain MacDhòmhnaill, agus choisinn Òg Mhadainn Shamhraidh duaise Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Newcomer of the Year aig LiveIreland.
Tha i cuideachd na craoladair do BhBC Scotland agus BBC Radio nan Gàidheal, na guth Gàidhlig aig Mummy Pig, agus tric a' nochdadh air BBC Alba. Ann an 2026 chaidh a h-aithneachadh air liosta Hands Up for Trad Women in Music and Culture 2026 airson na chuir i ri cultar na h-Alba.
Kathleen MacInnes is a leading Scottish Gaelic singer and broadcaster known for her distinctive voice and commitment to Gaelic language and culture. Originally from South Uist and now based in Glasgow, she has developed a wide-ranging career in music, theatre and broadcasting.
She appeared as the featured vocalist in Macbeth (2024–2025), directed by Max Webster and starring David Tennant and Cush Jumbo. She also appears regularly on Transatlantic Sessions alongside artists such as Alison Krauss, Aly Bain and Phil Cunningham and her vocals featured on Ridley Scott's Hollywood Film Robin Hood 2009 starring Russell Crowe
Her albums Òg Mhadainn Shamhraidh and Cille Bhrìde were produced by Iain MacDonald, with Òg Mhadainn Shamhraidh earning Gaelic Singer of the Year and LiveIreland Newcomer of the Year.
She is also a broadcaster for BBC Scotland and BBC Radio nan Gàidheal, the Gaelic voice of Mummy Pig, and a contributor to BBC Alba. In 2026 she was recognised in the Hands Up for Trad Women in Music and Culture 2026 list for her contribution to Scottish culture.
