Cèilidh Choinnich | Kenny's Ceilidh

12
Sultain | September 2026
20:00
GMT
Tha Coinneach MacCoinnich air mòran òganaich à Cataibh a bhrosnachadh gus a dhol an sàs ann an ceòl, le ùidh ann an òrain Gàidhlig gu sònraichte. Airson còrr is trì fichead sa coig bliadhna deug, tha e air a bhith an làthair aig Mòdan mar cho-fharpaiseach, mar stiùiriche còisir agus mar bhall den luchd-èisteachd. Chaidh a thuras le còisirean Gàidhlig gu crìch bho bhith na sheinneadair òg fo theagasg a cheannard Aonghas M Ros (Rossie) gu bhith a’ stiùireadh an aon chòisir sin rè na bhliadhnaichean aige fhèin mar cheannard aig Bun-sgoil Loch an Inbhir.
Nuair a bha e na h-òigear, thòisich e a’ seinn còmhla ri a bhràthair, Rod agus bean Choinnich nach maireann, Marlene, agus a phiuthar-chèile Joan agus lean Marlene agus Coinneach orra a’ seinn còmhla aig mòran chuirmean, thachartasan agus chèilidhean air feadh na sgìre. Thug an seinn dlùth aca brosnachadh do dh’òigridh ionadail agus do theaghlaichean tadhal air Achillidh Bhuidhe agus Loch an Inbhir far an robh cèilidhean taigh MhicCoinnich nan tachartas fàilteachail.
Anns a’ chèilidh seo a’ comharrachadh a bhliadhnaichean de chom-pàirteachadh ann an ceòl na Gàidhlig, thèid a dhìleab a thaisbeanadh le seann sgoilearan agus seinneadairean sa choimhearsnachd, nam measg buannaichean Bonn Òir a’ Chomuinn, Seumas Greumach agus Donnchadh MacLeòid, Rory Macmhathain, Rona NicLeòid, Eilidh agus Fiona NicChoinnich le cuid eile dhan teaghlach.
Kenny Mackenzie has inspired many Sutherland youngsters to engage with music, and with Gaelic song in particular. For more than three quarters of a century he has enjoyed attending Mòds as a competitor, a choir conductor and as an audience member. His journey with Gaelic choirs travelled full circle from a young chorister under the teaching of his headmaster Angus M Ross (Rossie) to conducting that same choir during his own years as headmaster at Lochinver Primary School.
During his young adulthood he sang with his brother, Rod and his own late wife, Marlene, and sister-in-law Joan and Marlene and Kenny continued to sing together at many concerts and cèilidhs throughout the region. Their close harmony singing inspired local youngsters and family visiting Achiltibuie and Lochinver where Mackenzie house cèilidhs were a welcome occurrence.
In this cèilidh celebrating his years of involvement with Gaelic music his legacy will be showcased by former pupils, among them Mòd Gold medallists, James Graham and Duncan Macleod, Rory Matheson, Rona MacLeod, his nieces Eilidh and Fiona Mackenzie as well as extended family.
