top of page

Lauren MacColl & friends with Bláithín Mhic Cana, Piaras Ó Lorcáin & Lauren Ní Néill and Fèis an Earraich

Lauren MacColl & friends with Bláithín Mhic Cana, Piaras Ó Lorcáin & Lauren Ní Néill and Fèis an Earraich
08
Sultain / September 2025
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

Tha 20 bliadhna o choisinn Lauren NicColla – fìdhlear 19 bliadhna a dh’aois on t-Eilean Dubh – Duais Young Folk aig BBC Radio 2. On t-àm sin, tha Lauren air iomadadh pròiseact a ghabhail os làimh, nam measg a’ stèidheachadh còmhlan fìdhle RANT, còmhlan seinn Salt House agus obrachadh còmhla ri iomadh seinneadair agus neach-ciùil.

Tha Lauren air còig chlàran fhoillseachadh leatha fhèin, làn de cheòl na fìdhle agus, nas tric thairis air na bliadhnaichean, a sgrìobhadh fhèin.

Bidh Anna Massie (giotàr) agus Calum MacGilleRuaidh (mandoilin, giotàr teanor) còmhla rithe a’ cluich fuinn o a clàran gu lèir agus o a clàr ùr, ‘Haar’ – cruinneachadh de cheòl stèidhichte air sgeulachdan mu na cladaichean agus tachartasan ann an linneachan taobh sear na Gàidhealtachd.

Tha Bláithín Mhic Cana, Piaras Ó Lorcáin, and Lauren Ní Néill a’ tighinn còmhla gus dualchas chiùil Ulaidh a chomharrachadh tro sheinn san t-seann-nòs agus puirt air a’ chlàrsach.

’S ann à sgìre Oriel a tha Bláithín agus Piaras, ’s tha iad ainmeil airson mar a lìbhrigeas iad òrain san t-seann-nòs. Bidh Bláithín a’ seinn anns a’ chòmhlan Tempest, agus tha i a’ creidsinn gu mòr ann a bhith a’ glacadh caractar cultarail ann an òrain. Tha guth air leth aig Piaras, ’s tha e air luchd-èisteachd ùra a tharraing tro phuist air loidhne agus obair còmhla ri còmhlain mar Bláth na hÓige. ’S ann à Derry a tha Lauren Ní Neill, ’s bidh i a’ togail air traidisean eachdraidheil na clàrsaich ann an Ulaidh gud puirt ùra a chruthachadh. Tro a h-obair acadamaigeach agus co-obrachadh le Conradh na Gaeilige, tha i a’ cleachdadh cuirmean-ciùil mar chothroman rannsachaidh , a’ brosnachadh an luchd-èisteachd gus smaoineachadh air cànan, àite agus traidiseanan.

Còmhla, tha an triùir a’ toirt sealladh de thraidiseanan ciùil Ulaidh dhan luchd-èisteachd, a’ ceangal an t-àm a dh’fhalbh ria an là an-diugh tro òrain, clàrsach agus cànan."

It's 20 years since Lauren MacColl – a wide-eyed 19 year old fiddler from the Black Isle – was crowned the winner of the BBC Radio 2 Young Folk Award. It was to be a springboard for a varied couple of decades, founding both fiddle quartet RANT and song-trio Salt House, and collaborating with countless singers and instrumentalists.

The thread through it all has been no less than five solo releases to date, showcasing her rich, darkly-toned fiddle sound and increasingly, her own writing.

She's joined by Anna Massie (guitar) and Calum McIlroy (mandolin, tenor guitar) for a delve through the back catalogue and to showcase her latest album 'Haar' - a collection of music based on coastal tales and happenings from around the eastern firths of the Highlands.

Bláithín Mhic Cana, Piaras Ó Lorcáin, and Lauren Ní Néill come together to celebrate Ulster’s rich musical heritage through a unique blend of sean-nós singing and harp traditions.

Both from the Oriel region, Bláithín and Piaras are acclaimed for their deeply expressive sean-nós performances—Bláithín, also a singer with the band Tempest, is a passionate educator and advocate for reclaiming cultural identity through song, while Piaras is a once-in-a-generation voice who has drawn new audiences with his viral success and award-winning work with bands like Bláth na hÓige.

Lauren Ní Néill, a traditional harper and academic from Derry, draws on Ulster’s historic harping tradition while exploring contemporary developments. Through her doctoral research and collaborations with Conradh na Gaeilge, she uses performance as a form of research, creating engaging lecture-performances that invite audiences to explore language, place, and tradition in a rich, living cultural experience.

Together, the trio offer a deeply moving and insightful journey into Ulster’s living musical traditions, connecting past and present through song, harp, and language.

Àite
Venue

Dunvegan Community Hall

Isle of Skye IV55 8WA

Blas logos 24.png

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

bottom of page