Kim Carnie with Mairearad Green joined by Mike Vass

09
Sultain | September 2026
19:30
GMT
Ainmeil airson a “velvet-voiced authority” (The Scotsman), tha Kim Carnie a’ fighe freumhan traidiseanta na Gàidhlig ri fuaim-dhreachaibh co-aimsireil. Mar aon de na guthan ciùil as drùidhtiche ann an Alba, bidh i a’ seinn leis a’ chòmhlan aice fhèin, agus tha i cuideachd na prìomh sheinneadair aig a’ chòmhlan ioma-dhuaiseach Mànran agus na ball-stèidheachaidh den ensemble folk dheuchainneach Staran. Tha guth Kim air aire luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail a ghlacadh — gach cuid air an àrd-ùrlar agus air an sgrion. Tha a guth ri chluinntinn ann am filmichean agus air prògraman telebhisein, nam measg Outlaw King aig Netflix agus Black Mirror.
Aithnichte airson a dìoghras a thaobh co-obrachadh cultarach, tha Kim air obrachadh còmhla ri raon farsaing de luchd-ealain cliùiteach bho air feadh an t-saoghail. Nam measg tha còmhlan griot à Màilidh, Trio Da Kali; na cluicheadairean kora ainmichte airson GRAMMY, Seckou Keita agus Kadialy Kouyate; an trio Bascach Kalakan; an ceòladair Creole Cedric Watson; agus Orcastra Nàiseanta Indonìsia, TRUST. Tha i cuideachd air a bhi air an àrd-ùrlar cuide ri seòid ciùil folk leithid Carlene Carter, Lindsay Lou agus Joshua Burnside, agus i air chuairt leis na Transatlantic Sessions cliùiteach, fo stiùir Jerry Douglas, a bhuannaich sia duaisean deug GRAMMY.
Às dèidh soirbheachas cliùiteach a’ chiad chlàir aon-neach aice, And So We Gather, air a riochdachadh le Dòmhnall Seathach, tha Kim a’ tilleadh leis A' Chailleach — caibideil ùr, dàna ann an leasachadh a cuid ealain.
Air a togail air rubha Chòigich air costa an iar na Gàidhealtachd – sgìre làn cultair agus dualchasan ionadail – chaidh Mairearad a thoirt a-steach do cheòl dùthchasach bho aois òg. Ainmeil airson a stoidhle bhogsa ealanta is lirigeach, a thuilleadh air a pìobaireachd shùbailte agus a guth drùidhteach, tha iarrtas mòr air Mairearad mar neach-cluiche agus mar sgrìobhaiche-ciùil.
Gus foillseachadh a clàr ùr, Tìm, a chomharrachadh, bidh an t-ioma-ionnsramaidiche Mike Vass còmhla ri Mairearad airson cuirm bheò shònraichte aig Fèis Bhlas.
Celebrated for her “velvet-voiced authority” (The Scotsman), Carnie blends traditional Gaelic roots with cinematic, contemporary soundscapes. One of Scotland’s most compelling musical voices, performing with her own band, as well as the lead singer of the multi-award-winning band Mànran and a founding member of the experimental folk ensemble Staran. Kim’s voice has captivated audiences worldwide—on stage and screen alike. Her vocals feature in major film and television soundtracks, including Netflix’s Outlaw King and Black Mirror.
Renowned for her passion for cultural collaboration, Kim has worked with a diverse range of celebrated artists across the globe. These include Malian griot supergroup Trio Da Kali, GRAMMY-nominated kora players Seckou Keita and Kadialy Kouyate, Basque trio Kalakan, Creole musician Cedric Watson, and the Indonesian National Orchestra, TRUST. She has also shared the stage with folk icons such as Carlene Carter, Lindsay Lou, Joshua Burnside, while touring with the prestigious Transatlantic Sessions, led by sixteen-time GRAMMY winner Jerry Douglas.
Following the critical success of her debut solo album And So We Gather, produced by Donald Shaw, Kim returns with A' Chailleach - a bold new chapter in her artistic evolution.
Having grown up in the West Coast Coigach peninsula of the Scottish Highlands – an area steeped in culture and local traditions – Mairearad was introduced to folk music at an early age. Renowned for her deft and lyrical accordion style, as well as her dextrous piping, and haunting vocals, Mairearad is in great demand as a performer and composer.
To celebrate the launch of her new album, Tìm, Mairearad will be joined by multi-instrumentalist, Mike Vass for a special live performance at Blas.
