Norrie MacIver and Emma 'Scalpay' Macleod with Iain MacMaster

12
Sultain / September 2025
20:00
GMT
'S e seinneadair agus sgrìobhadair-òran à Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, a th' ann an Norrie "Tago" MacÌomhair, a tha an-diugh a' fuireach ann am Fìobha an dèidh bliadhnaichean a chur seachad air falbh bho dhachaigh.
Is e prìomh-sheinneadair a' chòmhlain-chiùil, Skippinish, a th' air a bhith aig ceann Fhèisean is cuirmean-ciùil air feadh na dùthcha agus Na Roinn Eòrpa. Chluich iad aig an tachartas a bu mhotha aig na chluich iad a-riamh ann an 2024, nuair a ghabh iad air àrd-ùrlar Caisteal Dhùn Èideann air beulaibh sluaigh de 8,000. Na b' fhaide den bhliadhna seo, 2025, bidh iad air àrd-ùrlar an OVO Hydro ann an Glaschu airson na cuirm-ciùil a bu mhotha a-riamh aig an robh iad nam prìomh chòmhlan na h-oidhche.
'S i Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus buannaiche Bonn Òir A' Chomuinn Ghàidhealaich a th' ann an Emma "Scalpaigh" NicLeòid. Mar sin, tha fèill mhòr oirre aig cuirmean-ciùil agus cèilidhean air feadh na dùthcha.
Bidh Iain MacMhaighstir, à Àth Tharracail, a' cluich a' bhocsa, na feadaig agus a' seinn ann an Còmhlan-cèilidh Ghleann Fhionnain, agus tha iarrtas mòr air a chuid thàlant, an dà chuid aig a' chèilidh agus mar neach-teagaisg.
Norrie "Tago" MacIver is a singer/songwriter from Carloway in the Isle of Lewis, now living in Fife after many years away from home.
Norrie is the lead singer of Skipinnish and has since joining the band he has enjoyed headlining festivals and shows all over the UK and Europe. 2024 saw the band play their biggest show at Edinburgh Castle to over 8,000 fans and this year, 2025, the band will play their biggest headline show at the OVO Hydro in Glasgow on the 27th of September.
Current Gaelic singer of the Year and double Mod Gold medalist Emma 'Scalpay' Macleod is one of the most in demand singers and appears at concerts and cèilidhs across the country
Iain MacMaster is an accordion, whistle player and singer from Acharacle. He is a member of the Glenfinnan Cèilidh Band and in great demand as a tutor and performer.
