Prasgan

11
Sultain | September 2026
19:30
GMT
’S e sàr-chòmhlan Gàidhealach ùr a th’ ann am Prasgan, le Aonghas MacNeacail air a' phìob agus an fhìdeag, Eòghainn MacEanraig air fidheall agus a' seinn, Ailean MacEanraig air fidheall is piàna, Anndra Mac a’ Phearsain air faramachd is fìdeag, agus Murdo Camshron air giotàr. Tha gach fear dhiubh aithnichte fa leth mar neach-ciùil soirbheachail ann an cuid de na prìomh chòmhlain thraidiseanta ann an Alba, agus thàinig an còignear aca còmhla ri linn dìoghras dha ceòl Gàidhealach, freumhaichte san dualchas Ghàidhlig aca.
Nochd iad còmhla mar Prasgan airson a’ chiad uair aig Fèis Bhlas an-uiridh. Bhon uair sin tha iad air nochdadh aig Celtic Connections, agus tha iad a’ coimhead air adhart ri an cuid chiùil a thoirt gu fèisean air feadh nan eilean as t-samhradh 2026. Le cuideam air ceòl traidiseanta air a chluich le cridhe agus ionracas, tha ceòl Phrasgain cinnteach gun toir e toileachas dha gach neach a tha dèidheil air ceòl-pìoba agus òrain Ghàidhlig.
Prasgan is a newly formed Highland supergroup featuring Angus Nicolson on pipes and whistle, Ewen Henderson on fiddle and vocals, Allan Henderson on fiddle and piano, Andrew MacPherson on percussion and whistle, and Murdo Cameron on guitar. Individually well-known from successful careers in some of Scotland’s top trad bands, the five joined forces over a shared passion for fully committed Highland music, rooted in their Gaelic heritage, and made their debut at last year’s Blas Festival.
Since then, they have also appeared at Celtic Connections and are looking forward to taking their music to some select island festivals in summer 2026. With the emphasis on traditional material played with heart and integrity, Prasgan’s music is sure to thrill all lovers of pipe music and Gaelic song.
