top of page

Ronan Martin Trio with Fell Line

Ronan Martin Trio with Fell Line
07
Sultain | September 2026
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

’S e fìdhlear traidiseanta a th’ ann an Ronan Martin, a thogadh ann an teaghlach ciùil air an Eilean Sgitheanach. Thòisich e air ceòl a chluich nuair nach robh e ach trì bliadhna a dh’aois, agus tha e air cliù a chosnadh airson a stoidhle fhìor Ghàidhealach an Iar. Bidh Ronan a’ cluich ceòl-dannsa clasaigeach Albannach, na mheasg caismeachdan, srath-spèithean agus ruidhlichean. Tha a chluich làn spionnaidh, tha e mionaideach, agus dìleas do sheann stoidhle ceòl-fìdhle na Gàidhealtachd.

San t-Sultain am bliadhna, bidh Ronan a’ cluich aig Fèis Bhlas ann an cuirm shònraichte ann am Baile Dhubhthaich, air aoigheachd aig Fèis Leabhraichean is Ealain Bhaile Dhubhthaich — tachartas a tha a’ comharrachadh fàilte bhlàth air ais don sgìre ann an Ros an Ear far an do chuir e seachad mòran de dh'òige. Còmhla ris air an àrd-ùrlar bidh am pìobaire Aonghas MacCoinnich, a bhios cuideachd a' cluich na fìdeig, agus Murdo Camshron air a' ghiotàr. Tha an dithis aoigh ainmeil mar bhuill den chòmhlan Ghàidhealach chliùiteach Dàimh. Còmhla, bheir an triùir thàlantach seo fuaim chumhachdach, bheòthail a tha freumhaichte gu domhainn ann an cultar na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta do luchd-èisteachd na fèise.



’S e ceòl-triùir folk stèidhichte ann an Glaschu a th’ ann am Fell Line, le Chloë Bryce (Lewis McLaughlin), Megan NicDhòmhnaill (Eabhal, HEISK) agus Calum MacIlleRuaidh (Neach-ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna aig BBC Radio Scotland 2024). À Baile Dhubhthaich, an Luirg agus Siorrachd Obar Dheathain, bidh iad a’ measgachadh fidheall, bogsa, giotàr agus an guthan gus taghadh de phuirt ioma-fhillte agus òrain ghrinn a lìbhrigeadh. Choinnich iad nan deugairean ann an 2016, agus cha b’ fhada gus an do dh’fhàs càirdeas agus dlùth-cheangal ciùil eatarra a mhaireadh. Thàinig seo gu buil le cruthachadh a' chiùil-triùir agus leis an tagradh aca gu Battle of the Folk Bands aig Celtic Connections 2024, far an do bhuannaich iad. Às dèidh sin a bhuannachadh, fhuair iad cuireadh tilleadh dhan fhèis, a’ fosgladh do The Outside Track anns an Strathclyde Suite aig Talla Rìoghail Chonsairtean Ghlaschu.

An dèidh dhaibh a bhith cho soirbheachail aig Celtic Connections, nochd iad air àrd-ùrlaran aig fèisean air feadh Alba agus nas fhaide air falbh, nam measg Merchant City Festival (ceangailte ri Celtic Connections), Fèis Bhlas, Scots Fiddle Festival agus National Celtic Festival ann an Astràilia.

Às dèidh ùine a’ cluich fo na h-ainmean aca fhèin, chruthaich iad Fell Line san Dùbhlachd 2024, aig an aon àm 's a dh'fhoillsich iad a’ chiad chlàr singilte aca, annabeenie/Dark Days & Cauld Nichts. Tha an t-ainm “Fell Line” air a thoirt bho theirm fighe, agus tha e a’ toirt iomradh air na h-iomadh pàirtean eadar-cheangailte a tha gach neach-ciùil a' cur ris a' chòmhlan.

“Ceòl breagha, iom-fhillte... Ma gheibh thu cothrom an cluinntinn beò... gabh e!” Hamish Napier – neach-ciùil agus sgrìobhaiche-ciùil.

Ronan Martin is a traditional fiddle player who was raised in a musical family on the Isle of Skye. He started playing music when he was just three years old and has become known for his authentic West Highland style. Ronan focuses on classic Scottish dance music, including marches, strathspeys, and reels. His playing is energetic, precise, and stays true to the older style of Highland fiddle music.

This September, Ronan will perform at the Blas Festival for a special concert in Tain hosted by the Tain Book & Arts Festival—a gig that marks a warm return to the Easter Ross area where he spent much of his youth. Joining him on stage are piper Angus Mackenzie, who will also play whistles, and guitarist Murdo Cameron. Both guests are well-known members of the acclaimed Highland band Dàimh. Together, this talented trio will bring a powerful, lively sound to the festival audience, deeply rooted in Gaelic culture and traditional music.


Fell Line are an award-winning Glasgow-based folk trio featuring Chloë Bryce (Lewis McLaughlin), Megan MacDonald (Eabhal, HEISK), and Calum McIlroy (BBC Radio Scotland Young Traditional Musician 2024). Hailing from Tain, Lairg, and Aberdeenshire respectively, they blend fiddle, accordion, guitar, and their voices to present an array of intricate tunes and delicate songs. Having met as teenagers in 2016, a friendship and musical affinity that would prove to be long-standing was soon formed. This culminated in the formation of the trio, and entry to the Battle of the Folk Bands at Celtic Connections 2024, which they would go on to win. Following their triumph, they were offered a festival reprise, opening for The Outside Track in the Glasgow Royal Concert Hall’s Strathclyde Suite.

Off the back of their success at Celtic Connections, they went on to appear on festival stages across Scotland and beyond, including the Merchant City Festival (Celtic Connections takeover), Blas Festival, Scots Fiddle Festival, and the National Celtic Festival of Australia.

After a period of performing under their own names, the trio reinvented themselves as Fell Line in December 2024 to coincide with the release of their debut single, annabeenie/Dark Days & Cauld Nichts. The name “Fell Line” is taken from a weaving term and refers to the many interlinking parts offered up by each of the three
musicians.

“Beautifully intricate arrangements... If you get the chance to hear them live...go!” Hamish Napier - Musician and Composer

Àite
Venue

Duthac Centre

Shandwick St, Tain IV19 1BQ

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

Blas logos 24.png
bottom of page