The Eliza Ross Collection: Music of Skye & Raasay

The Eliza Ross Collection: Music of Skye & Raasay
06
Sultain / September 2022
19:30
GMT

Live @ Venue

£16/£14/£5/£38

Stream online

£50

Rugadh Ealasaid Jane Ros ann an 1789. Bha a h-athair, Tòmas, a bhuineadh don Ghearastan, anns an arm agus b' e nighean le MacLeòid Ratharsair a bha ann an Iseabail Rose, a màthair. Ann an 1805, ghabh bràthair a màthar, Seumas MacLeòid, Triath Ratharsair agus a bhean, Flòraidh, an cùram. Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl agus chaidh Ealasaid do Sgoil Mary Erskine ann an Dùn Èideann far an d' fhuair i oideachadh ann an cèol.

Nuair a thill i do na h-Innseachan, dh'fhàg i cruinneachadh de na h-òrain is puirt aice ann an Ratharsair. Ag aithneachadh cho luachmhor 's a bha an cruinneachadh, thug Francis Collinson do Sgoil Eòlias na h-Alba e ann an 1954. Bidh foillseachadh ùr den chruinneachadh ri fhaighinn air a chur ri chèile le Taigh na Teud, agus 's ann bhon leabhar sin a bhios na h-òrain agus puirt sa chuirm shònraichte seo leis an Dtr Aonghas Dòmhnallach, Sian agus Ronan Màrtainn air a cur air adhart ann an co-bhann ri SEALL.

Air thoiseach orrasan bidh puirt ann bhon chòmhlan ùr Falasgair às an Eilean Sgitheanach.

Presented in association with SEALL, Dr Angus MacDonald, Sian and Ronan Martin with a selection of tunes and songs collected by Elizabeth (Eliza) Jane Ross, a niece of James MacLeod, one-time laird of Raasay. The collection was left behind in the library of Raasay House when Eliza Ross departed in 1813 to travel with her sister to India where she later married Baronet Charles D’Oyly. Dating from 1812 it is the earliest manuscript collection of Highland music and was discovered and bought for the School of Scottish Studies by Francis Collinson in 1954. It contains 150 airs of which about 100 are vocal airs, the others being instrumental dance tunes or slow airs. The texts for the songs identified have been sourced and a new section of 59 bagpipe tunes from the collection has been added to a new version, on which Dr Angus has been working, recently published by Taigh na Teud.

The evening will be opened with a set from up-and-coming 5 piece folk band, Falasgair, from the Isle of Skye.

Àite
Venue

Sabhal Mòr Ostaig

Sleat, Isle of Skye, IV44 8RQ