top of page

Faoinsgeul Loch Maruibhe - The Loch Maree Legend with Brian Ó hEadhra | Fionnag NicChoinnich

Faoinsgeul Loch Maruibhe - The Loch Maree Legend with Brian Ó hEadhra | Fionnag NicChoinnich
11
Sultain | September 2026
19:30
GMT
£5/£16/£18/£42 (pay what you can)

’S e Faoinsgeul Loch Maruibhe, The Legend of Loch Maree, coimisean Blas 2026 leis an fhìdhlear Ghàidhealach chliùiteach Graham MacCoinnich. Thainig bun-bheachd airson na h-obrach bho dhealbh a rinn Mairead NicDhonnchaidh nach maireann, a bha crochte san dachaigh far an do dh’fhàs Graham suas agus a thug a’ chiad eòlas dha air an sgeulachd.

Tha dealbh NicDhonnchaidh a’ sealltainn Faoinsgeul Loch Maruibhe: sgeulachd bhrònach Ghàidhealach mu bhana-phrionnsa a bhuinneadh dhan sgìre a bha ann an gaol le Olaf, prionnsa à Nirribhidh. Le cuspairean gaoil, mì-thuigse agus call, tha an sgeulachd gu tric air a mìneachadh mar dreach Gàidhealach de Romeo agus Juliet.

Bidh an ceòl ùr a chaidh a sgrìobhadh agus na h-òrain thraidiseanta a’ riochdachadh chuspairean dìlseachd, gaoil, cianalais, gaisgeachd, brathaidh agus dìomhaireachd.


Bidh Brian Ó hEadhra agus Fionnag NicChoinnich a’ seinn òran traidiseanta agus co-aimsireil à dualchasan na Gàidhlig, na h-Albais agus na h-Èireann, air am brosnachadh le iomall a’ Chuain Siar a Tuath.

Stèidhichte ann an Inbhir Nis, tha an dithis a’ toirt còmhla freumhan Bhrian ann an Talamh an Èisg agus Baile Àtha Cliath, agus togail Fionnag air Eilean Leòdhais. Thar còrr is 25 bliadhna tha iad air cluich air feadh an t-saoghail, a’ clàradh airson film, geamannan agus còmhlain-ciùil cliùiteach leithid Anam, Cruinn agus Mackenzie. Chaidh Fionnag ainmeachadh mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig MG ALBA ann an 2020, às dèidh do Bhrian fhèin a bhi air ainmeachadh ann an 2019.

Tha na trì clàran aca — TÌR, TUATH agus Càirdeas — air cliù mhòr a chosnadh. Mhol Irish Music Magazine TUATH mar “shàr-obair” agus Càirdeas mar “obair de dh’fhìor chudrom cultarach.”

Air an ainmeachadh le World Music Central mar “dithis luchd-ealain air leth… agus cuid de na guthan as fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig,” tha iad fhathast aig fìor thoiseach dualchas co-aimsireil.

Faoinsgeul Loch Maruibhe, The Legend of Loch Maree, is the Blas 2026 commission by leading Highland fiddle player Graham MacKenzie. The work is inspired by a print by the late Margaret Robertson, which hung in the home where Graham grew up and first introduced him to the story.

Robertson’s image depicts the Legend of Loch Maree: a tragic Highland tale of a local princess who falls in love with Olaf, a Norwegian prince. With its themes of love, misunderstanding and loss, the story is often described as a Highland echo of Romeo and Juliet.

The newly composed music and traditional songs will represent the themes of loyalty, love, longing, bravery, betrayal and mystery.


Brian Ó hEadhra and Fionnag NicChoinnich perform traditional and contemporary songs from the Gaelic, Scots, and Irish traditions, inspired by the North Atlantic fringe.

Based in Inverness, the duo brings together Brian’s roots in Newfoundland and Dublin with Fionnag’s upbringing on the Isle of Lewis. Over 25 years, they have performed globally, recording for film, gaming, and acclaimed acts like Anam, Cruinn, and Mackenzie. Fionnag was named MG ALBA Gaelic Singer of the Year in 2020, following Brian’s nomination in 2019.

Their three albums—TÌR, TUATH, and Càirdeas—have earned widespread critical acclaim. Irish Music Magazine lauded TUATH as a ""masterpiece"" and Càirdeas as ""a work of deep cultural importance.""

Described by World Music Central as ""two extraordinary artists... and some of the best voices in the world of Gaelic language,"" they remain at the forefront of contemporary tradition."

Àite
Venue

Loch Torridon Community Centre

Torridon, Achnasheen, Ross-shire, IV22 2EZ

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

Blas logos 24.png
bottom of page