top of page

Fèis Bhlais 2025: prògram-ciùil sònraichte agus gàirdeachas ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd 


Tillidh aon de na tachartasan cultarail as aithnichte air a’ Ghàidhealtachd, Fèis Bhlais, san t-Sultain, le prògram fìor bheòthail de cheòl traidiseanta agus tachartasan coimhearsnachd a nì gàirdeachas air cultar na Gàidhlig.

 

Bidh cuid den luchd-ciùil as fheàrr à Alba is Èirinn rin cluinntinn aig Blas eadar 5mh – 13mh den t-Sultainn. Bidh Julie Fowlis, Donnchadh Siosalach , Seamus D MacCoinnich, Lauren NicColla, Mischa Nic a' Phearsain, Norrie MacIomhair, an còmhlan-ciùil cliùiteach Dàimh, agus Flook - còmhlan a tha aithnichte air feadh an t-saoghail- a-measg na bhios a’ nochdadh. Bidh Aon Ghuth / One Voice- a’ chiad chòisir Ghàidhlig anns an t-saoghal a bhios a’ cur feum air “Makanta” fhad ’s a tha iad a’ seinn- a’ nochdadh aig cuirm-chiùil deireannach na Fèise, a bharrachd air feadhainn de na seinneadairean Gàidhealach as ainmeile a th’ ann, a leithid Art MacCarmaig, Jenna Chuimeanach agus Ruairidh Gray.

​

Tha Fèis Bhlais ga h-ullachadh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhann le Comhairle na Gàidhealtachd, agus tha i na clach-bhunait ann am prògram-ealain na sgìre. Bidh fèill mhòr air cultar na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd ri a linn, is sàr thachartasan gan cur air dòigh ann an tallaichean-coimhearsnachd agus ionadan-ealain. Mar seo, thèid a dhearbhadh gum faigh daoine às gach ceàrn cothrom air na tachartasan beairteach, cultarail. Thèid mu 25 cuirmean agus cèilidhean a chur air dòigh mar phàirt den fhèis tro co-obrachadh le buidhnean-ealain beaga.

​

Thuirt Calum Ailig Macmhaoilein, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, “Tha Fèis Bhlais 2025 a’ leantainn a’ chleachdaidh a th’ againn de bhith a’ dèanamh gàirdeachas air ar cànan, ceòl is dualchas Gàidhealach air feadh na Gàidhealtachd. Thathas a’ toirt dhaoine cruinn còmhla tro cheangalaichean cultarail, ceòl is cruthachalachd, eadar Àird Rois agus Àird Ghobhar, Srathaidh agus Stafainn.”

Thòisich Blas ann an 2004 agus gun ach trì ionadan an sàs, ann an Sròn an t-Sìthein,  A’ Chlais Mhòr agus Srath Pheofhair. Bhon uair sin chaidh 1,350 tachartas a chumail le 5,550 neach-ciùil is neach-ealain gan taisbeanadh air beulaibh 130,000 de luchd-èisteachd, agus chaidh £8.4 millean a chur ris an eaconamaidh ri a linn.

​

’S e An Treas Suaile aon de na tachartasan as motha a ghlacas aire am-bliadhna sa, agus a th’ air a thaisbeanadh leis an fhìdhlear Ghàidhealach Donnchadh Siosalach agus an seinneadair ainmeil Julie Fowlis. Thèid ceòl agus ìomhaighean a chur gu feum tron chuirm ioma-mheadhanach shònraichte seo, gus sgeulachdan iadsan a chaill am beatha ann am mòr-thubaist Na h-Iolaire a chur an cèill gu faireachail, cumhachdach. Gheibh an luchd-èisteachd fios is faireachdainn air an sgrios a chaidh a dhèanamh nuair a chaidh còrr agus 200 saighdear eileanach a mharbhadh oidhche na bliadhn’ ùire 1919, is iad air an slighe dhachaigh bhon Chiad Chogadh Mhòr nuair a chaidh an long a bha gan giùlan air na creagan aig beul caladh Steòrnabhaigh, gun ach beagan shlatan bhon dachaigh. Chaidh an obair seo a choimiseanadh sa chiad dol a-mach leis An Lanntair gus an 100mh ceann-bliadhna den tubaist a chomharrachadh, agus thèid a thaisbeanadh am-bliadhna sa ann an Ulapul agus cuideachd anns A’ Chaol, coimhearsnachd le ceangal ris an tubaist.

​

Thuirt Julie Fowlis, “Thug e buaidh mhòr orm fhèin is Donnchadh a bhith ag obair air cuirm a chomharrachadh tubaist Na h-Iolaire. Bhon chaidh An Treas Suaile a choimiseanadh sa chiad dol a-mach ann an 2018 gus 100 bliadhna bhon thachair an tubaist a chomharrachadh, tha sinn air leantainn le ar cuid-rannsachaidh air sgeulachdan nam fear a bh’ air bòrd Na h-Iolaire, a chaidh air na creagan cho buileach uabhasach faisg air caladh Steòrnabhaigh, 1mh den Fhaoilleach 1919.

​

’S i oidhche de chòmhradh a bhios ann, a bharrachd air ceòl agus òrain bhon choimisean.”

​

Bidh luchd-ciùil Èireannach Bláithínn MhicCanna, Piaras Ó Lorcáin & Lauren Ni Nèill a’ cluich còmhla-ri Lauren NicColla aig cuirmean-ciùil sònraichte ann an Dùn Bheagain agus Àrasaig is iad a’ dèanamh subhachas air ar cultar Gàidhealach co-roinnte, agus bidh am pìobaire Leòdhasach Seumas D MacCoinnich nan cuideachd ann an Àird Rois agus Drochaid Chàrr. Cuiridh luchd-èisteachd anns An Tom Aitinn agus Gleann Eilg fàilte air còmhlan a tha mion-eòlach air Fèis Bhlas agus air a bheil fèill mhòr, Dàimh, agus bidh an ceòl sàr-bhuadhach aig Flook ri chluinntinn ann an Resolis agus Goillspidh. Bidh buill bhon chòmhlan-chiùil iomraiteach, Trail West, a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’Fhèis air an Oir ann an Srathaidh, agus a bharrachd air sin bidh cèilidhean, cuirmean a’ comharrachadh sheanchaidhean ionadail agus cinn-bhliadhna shònraichte, agus bùitean-obrach dràma is ciùil ann am bun-sgoiltean. Mar sin, ’s i fèis don h-uile duine, sean is òg, a bhios innte. Thèid crìoch a chur air an 21mh Fèis Bhlais le cuirm-deiridh anabrrach, leis an t-seinneadair Ghàidhlig chliùiteach, Art MacCarmaig, agus a chuid mhac, Ruairidh agus Iain, cuide ri Jenna Chuimeanach, Alice Nic a’ Mhaoilein agus Ruairidh Gray, ann an taisbeanadh de dh’òrain Ghàidhlig gun choimeas.

​

Bidh an còmhlan-taighe air a stiùireadh le sàr stiùiriche-ciùil Ingrid NicEanraig, agus bidh Iain MacPhàrlain, Aonghas MacNeacail agus Eamonn Doorley na cuideachd, a bharrachd air còmhlan-ceathrair a bhios a’ seinn innealan-ciùil teudach agus air an stiùireadh le Helena Rose à Loch Abar. ’S iad Aon Ghuth / One Voice a chuireas a’ chuirm gu dol. ’S iad a’ chiad chòisir Ghàidhlig anns an t-saoghal a bhios a’ cur feum air “Makanta” fhad ’s a tha iad a’ seinn gus cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine le feumalachdan a bharrachd a dhol an sàs ann an ceòl. Bidh cothrom aig an luchd-èisteachd Air Falbh ann am Bàta a chluinntinn beò airson a’ chiad turais cuideachd. Chaidh an ceòl seo a dhèanamh le Mike Vass mar phàirt de choimisean Fèis Bhlais 2020, ri linn a’ ghlasaidh-shluaigh. Chaidh clàraidhean bho Thobar an Dualchais a chur gu feum, agus chaidh a chluich le òigridh bho na Fèisean.

​

Thuirt Calum Ailig, “tha prògram na bliadhna sa a’ dearbhadh ar dealais ann a bhith a’ toirt chothroman don òigridh, le Aon Ghuth / One Voice a’ nochdadh airson a’ chiad triop, a bharrachd air com-pàirtichean bho Fhèisean air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann an grunn tachartasan. B’ e seo a’ chiad chothrom dha grunnan dhiubh a bhith a’ cluich ann an suidheachadh proifeiseanta, agus a’ taisbeanadh an cuid thàlaint agus dìoghrais.”

​

Thuirt an comhairliche Drew Millar, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd,  “Tha Fèis Bhlais na chlach-bhunait anns a’ phrògram chultarail gach bliadhna agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air a dòigh taic a chumail rithe a-rithist.

“Chan ann a-mhàin gu bheil a’ Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta cudromach dha ar beatha-sòisealta agus cultar air a’ Ghàidhealtachd, ach cuideachd a thaobh na h-eaconamaidh. Tha an fhèis air an t-uabhas a chur ri coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd thar nam bliadhnaichean, agus nì Fèis Bhlais 2025 leudachadh air sin.

​

“Thèid an ceòl Gàidhealach as fheàrr a thaisbeanadh a-rithist, agus tha an fhèis na comharra air an uiread de thàlant a th’ againn a bharrachd air an t-saothair an lùib cothroman a thoirt do luchd-ciùil air feadh na Gàidhealtachd. Mealaidh luchd-èisteachd bho gach ceàrn den sgìre sàr phrògram de thachartasan agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhan h-uile duine a tha an sàs.”

Lorgar am prògram slàn aig www.blas.scot a bharrachd air mar a cheannaichear tiocaidean. 
 

Blas logos 24.png

The Blas Festival is a collaboration between Fèisean nan Gàidheal and The Highland Council
Blas Festival Ltd is a company wholly-owned by Fèisean nan Gàidheal, registered in Scotland SC308889
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registration number SC130071 and a Scottish Charity, registration number SC002040

The Blas Festival is subject to Fèisean nan Gàidheal's policies which are available to view here
Our safeguarding policies are available here

Blas Festival Ltd, c/o Fèisean nan Gàidheal, Meall House, Portree, Isle of Skye, IV51 9BZ
Telephone 01478 613355 | E-mail blas@blas.scot

bottom of page